Naidheachdan 11:00m

Cogadh Iran

Thuirt am prìomhaire Israelach, Benjamin Netanyahu, gun do choilean iad còrr is leth de na h-amasan sa chogadh an aghaidh Iran. Ach dhiùlt e innse dè an clàr-ama a th' aige airson deireadh a' chogaidh.

Scott Mills

Thàinig e am follais gun do cheasnaich poilis ann an Lunnain Scott Mills ann an 2018 mu chasaidean feiseil co-cheangailte ri balach a bha na dheugaire. Dh'innis am BBC an-dè gun do chuir iad Mills, a bha na phreasantair air Radio 2, a-mach às a' bhuidhinn co-cheangailte ri casaidean mu a dhol a-mach phearsanta.

Taighean ùra

Bha lùghdachadh san àireamh thaighean ùra a thogadh an Alba an-uiridh. Tha na figearan suas dhan Dùbhlachd ag ràdh gun deach beagan a bharrachd air 17,300 dachaigh ùr a thogail eadar na roinnean poblach agus prìobhaideach. A bharrachd air àm a' phandemic 's e sin an àireamah as lugha dhachaighean prìobhaideach bho 2014, agus an ìre as lugha de thaigheadas shòisealta bho thòisich clàradh ann an 1997.

Gràisgean grumaidh

Bidh an rannsachadh neo-eisimeileach air gràisgean grumaidh ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a' coimhead air an robh pàirt aig cinneadh, cultar neo creidheamh ann an droch-dhìol air clann agus an tug iad buaidh air an dòigh san do dhèilig na h-ùghdarrasan ris. Chaidh modhan obrach an rannsachaidh fhoillseachadh sa mhadainn an-diugh agus tòisichidh an làn-rannsachadh air an ath-mhìos.

Gràisgean dhrugaichean

Tha an carthannas cloinne Barnardo's ag ràdh gu bheil gràisgean dhrugaichean a' gabhail brath air òigridh air a' Ghàidhealtachd. Tha an carthannas ag ràdh gu bheil eucoirich ag amas agus a' maoidheadh gu h-àraid air daoine òga so-leònta sa bhaile. Dh'innis poilis bho chion ghoirid gu bheil mu 12 gràisg dhrugaichean, mòran dhiubh sin a tha stèidhichte ann an Sasainn, ag obair ann an Inbhir Nis.

Taigheadas connspaideach

Bidh comhairlichean anns na h-Eileanan Siar a' beachdachadh an-diugh air cead-dealbhachaidh do sgeama thaigheadais faisg air Port-Adhair Steòrnabhaigh anns am biodh faisg air 100 taigh. Tha am plana connspaideach agus tha muinntir Mhealaboist 's Bhràigh na h-Aoidhe ag ràdh gun atharraicheadh an leasachadh an sgìre gu tur. Agus tha buidheann na h-àrainneachd, SEPA, a' togail dragh mu dheidhinn.

Trending Now