Naidheachdan 11:00m
Prìsean Cumhachd
Bidh prìsean gas agus dealain 7% nas lugha sa chumantas an Alba, Sasainn agus anns a' Chuimrigh bhon 1d là den Ghiblean. Bidh sin a' sà bhaladh mu £10 gach mìos do dhachaigh à bhaistich. Thuirt an riaghladair, Ofgem, gur e as coireach ri sin gu ìre gun do dh'atharraich an Riaghaltas mar a tha iad a' togail cuid de chìsean uaine.
Dòmhnall Trump
Chuir an Ceann-Suidhe Trump dìon air na rinn e dhan eaconomaidh 's thuirt e gun do thionndaidh e an dùthaich mun cuairt san òraid as fhaide riamh air Staid an Aonaidh. Bha e a' bruidhinn airson còrr is uair de thìde agus trì chairteal. Thuirt na Deamocrataich gu bheil Mgr Trump ga mhealladh fhèin.
Anndra Mountbatten-Windsor
Dh'innis poilis gun do chuir iad crìoch air rannsachadh aig seann dachaigh Anndra Mountbatten-Windsor ann am Berkshire. Chaidh esan a chur an grèim an t-seachdain seo chaidh fo amharas mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblaich le fiosrachadh oifigeil a thoirt do Jeffrey Epstein, an t-eucoireach feise nach maireann. Tha Mgr Mountbatten-Windsor a' dol às à icheadh gun do rinn e dad ceà rr.
Dotairean Teaghlaich
Chuir Rùnaire na Slà inte, Niall Gray, dìon air clionaigean ùra "walk in" GP agus seirbheisean dotair-teaghlaich san fharsainneachd. Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd £34m a chosg air sgeama pìleit air 16 de chlionaigean ùra dham faod daoine coiseachd a-steach. Tha Colaiste Rìoghail nan Dotairean Teaghlaich ag rà dh gu bheil na h-ionadan sin cosgail agus gun dèan iad droch fheum de dh'airgead phoblach.
Manchester
Tha fear an grèim an dèidh aithris gun deach e gu mosg ann am Manchester an-raoir agus e a' giùlain là mhag, òrd agus sgian. Thuirt na Poilis nach robh iad a' dèiligeadh ris mar chùis ceannairc.
Earra-Ghà ideal
Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid am measg nan ùghdarrasan ionadail a tha a' coinneachadh an-diugh airson buidseat aontachadh. Bidh buill a' deasbad phlanaichean airson airgead a chùmhnadh leis gu bheil beà rn de £13m romhpa. Tha moladh ann airson à rdachadh 6% anns a' chìs-chomhairle.
Aiseag Bharraigh
Coinnichidh riochdairean às na h-Eileanan Siar an-diugh ri Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, 's ri Còmhdhail Alba a dheasbad suidheachadh nan seirbheisean aiseig. Tha sin an dèidh dha tighinn am follais gum faodadh bà ta Bharraigh, an Isle of Lewis, a bhith air falbh airson trì mìosan eile airson cà radh agus pà irtean dhith air meirgeadh gu dona. Bha dùil gun tilleadh i gu seirbheis air an 12na là den mhìos seo. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag rà dh gun dèan iad an dìcheall gus nach tèid Barraigh fhà gail gun seirbheis aiseig choileanta.