Naidheachdan 10:00m
Prìs na h-Ola
Coinnichidh oifigich bho Roinn an Ionmhais ri buill-phà rlamaid an-diugh a bheachdachadh air dè ghabhas dèanamh do dhaoine a tha an eisimeil ola airson an dachannan a bhlà thachadh. Tha gearainnean ann an sgìrean dùthchail gu bheil prìsean air èirigh gu mòr, le cuid ag rà dh gu bheil na tha iad a' pà igheadh airson ola dachaigh air dùblachadh bhon a thòisich an cogadh anns a' Ghulf.
An Gulf
Tha ionnsaighean nan Stà itean Aonaichte agus Israel air Iran agus Lebanon a' leantainn le tuilleadh spreadhaidhean gan aithris ann an Tehran agus Beirut. Thuirt na h-Aimeireaganaich gun robh iad air 16 soithichean Irà inianach a chur fodha faisg air Caolas Hormuz 's iad ag rà dh gur e bà taichean a bh' annta airson a bhith a' cur mhèinichean.
Aig a' cheart à m tha dùthchannan air feadh a' Ghulf ag aithris gu bheil iad gan dìon fhèin bho ionnsaighean dròna is rocaid. Tha oifigich ann an Dubai ag rà dh gun deach ceathrar a ghoirteachadh nuair a thà inig dà dhròna sìos faisg air a' phort-adhair aca.
Stèisean Meadhan Ghlaschu
Dhaingnich Network Rail nach fhosgail na loidhnichean uachdarach aig Stèisean Meadhan Ghlaschu chun an ath-sheachdain. Thuirt a' bhuidheann gu bheil ballaichean an togalaich ri taobh an stèisein a chaidh na theine air an deireadh-sheachdain ann an staid glè chugallach agus nach biodh e sà bhailte a bhith a' ruith thrèanaichean. Thòisich seirbheisean a-rithist air na loidhnichean iachdarach an-diugh, le trèanaichean a' frithealadh bhailtean mun iar agus mun ear air Ghlaschu.
Tubaist
Bhà saich fireannach ann an Lodainn an Ear às dèidh dhan chà r aige a dhol a-steach gu carbad a bh' air a pharcadh ri taobh an rathaid ann an Tranent. Thuirt na poilis gun robh an duine, a bha 55, aig cuibhle Vauxhall Vivaro nuair a bhuail e ann an carbad Citroen Aircross air Rathad Haddington. Chaidh a thoirt gu Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann far an do chaochail e.
Cille Chùithbeirt
Agus dh'innis poilis ann an Dùn Phris is Gall-Ghà idhealaibh gun do dh'eug boireannach aosta a bh' air a dhol a dhìth anns an sgìre. Chaidh sgrùdadh a chur air chois a' bhòn-dè nuair a chaidh an cà r aig Nancy Hill, a bha 81, a lorg ann am pà irc chà raichean aig trà igh faisg air Cille Chùithbeirt. Thuirt oifigearan gun deach lorg fhaighinn oirre an-dè agus gun deach a toirt dhan ospadal ann an Dùn Phris far an do chaochail i.