Am Baile Ùr aig a' mhullach is Robinson air a dhòigh
Thuirt Iain Robinson gun robh e a' faireachdainn gun robh Baile Ùr an t-Slèibh gu math airidh air an dà phuing a chuir iad air thoiseach air càch aig mullach na Prìomh Lìog ann an iomain nam fear.
Air là nuair a rinn droch aimsir sgrios air clàr nan geamaichean, 's e am Baile Ùr an aghaidh Loch Abair an aona gheama a chaidh air adhart sa Phrìomh Lìog Disathairne.
Cha robh ann ach aon tadhal is 'e Robinson a fhuair e, a' fàgail a' Bhaile Ùir aig a' mhullach le ceithir puingean bhon dà gheama a chluich iad.
Cha robh ach aona gheama san Lìog Nàiseanta cuideachd far an do chuir Gleann Urchadain deich tadhal seachad air Ceiltich an Òbain.
Tha sgioba a' Ghlinne aig bàrr na lìge ach tha a h-uile coltas ann gu bheil seusan fada ro Cheiltich an Òbain, a tha a-nise air call 9-0 is 10-0 san dà gheama aca gu seo.
Rinn an t-uisge trom milleadh cuideachd air iomain nam ban ach chaidh aona gheama air adhart sa Phrìomh Lìog Didòmhnaich agus 's e fear mòr a bh' ann: Bàideanach an aghaidh Loch Abair.
An turas seo 's iad Bàideanach a rinn a' chùis sa bhlàr eadar an dà sgioba as làidire san spòrs is Hope Borthwick air an targaid ann an Ceann a' Ghiùthsaich.
Làmh an uachdair aig sgioba Bhàideanach ma-tha aig an ìre thràth seo den t-seusan.