Naidheachdan 10:00m

Cogadh Iran

Thug Seanadh nan Stàitean Aonaichte an taic don Cheann-Suidhe Trump na iomairt armaichte còmhla ri Israel an aghaidh Riaghaltas Ioslamach Iran. Tha Deamocrataich air a ràdh nach fhaod ach a' Chòmhdhail cogadh a cheadachadh, ach cha deach le gluasad a bha ag amas air na h-ionnsaighean a stad, agus smachd aig na Poblachdaich air an t-Seanadh.

Israel

Thuirt Israel gun do chuir an siostam dìon adhair aca stad air urchairean a chaidh a losgadh orra le Iran tràth an-diugh sa mhadainn. Aig a' cheart àm tha Qatar air a bhith a' gluasad shìobhaltach a-mach à dachannan faisg air ambasaid nan Stàitean Aonaichte ann an Doha, an dèidh mar a bhuail urchairean Iràinianach an sin. Thug Israel ionnsaighean às ùr tron oidhche air prìomh- bhaile Iran, Tehran, ag ràdh gur ann air bun-structar airm a tha iad ag amas. Thug arm Israel cuideachd ionnsaighean air ceann a deas prìomh-bhaile Lebanon, Beirut, far a bheil a' bhuidheann Ioslamach Hezbollah air daingneachadh, an dèidh dha na h-Israelaich rabhadh a thoirt do shìobhaltaich san sgìre sin teicheadh.

Luchd-siridh comraich

Innisidh Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, an-diugh gun tèid luchd-siridh comraich a bhriseas an lagh, no a bhios ag obair gu mì-laghail, a chur a-mach à àitichean-fuirich a tha pàighte leis an riaghaltas, 's gun caill iad an cuid sochairean. Bidh Ms Mahmood a' cur an cèill "argamaid Làbarach" airson siostam comraich nas teanna. Thuirt na Tòraidhean ge-tà, gum feum i a dhol gu math nas fhaide.

Cìs-chomhaire air a' Ghàidhealtachd

Thèid iarraidh air comhairlichean air a' Ghàidhealtachd àrdachadh 7% a thoirt air a' chìs-chomhairle an-diugh. Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh daoine a tha a' fuireach ann an dachaigh aig ìre Bann D a' pàigheadh £107 a bharrachd sa bhliadhna sa bhitheantas. Tha a' chomhairle a' coinneachadh airson buidseat na bliadhna-ionmhais a tha romhainn a dhearbhadh.

EIS

Bidh an t-aonadh luchd-teagaisg as motha an Alba a' deasbad an-diugh co-dhiù tha iad airson stailc a chumail air thoiseach air taghaidhean Holyrood. Bhòt buill an EIS gu mòr airson stailcean, agus eas-aonta leantainneach air a bhith ann mun uallach obrach air tidsearan. Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba molaidhean as t-fhoghar airson gearradh a thoirt air na dh'fheumas tidsearan a chur seachad san t-seòmar-teagaisg.

An Tinneas-Tuiteamach

Tha deuchainnean tràth a' sealltainn gu bheil druga ùr a' toirt cruth-atharrachaidh air beatha chloinne a rugadh le droch sheòrsa den tinneas-thuiteamach a dh'fhàgas iad leis na ceudan de ghreimean eanchainn gach là. Sheall torraidhean an rannsachaidh, a chaidh fhoillseachadh anns an New England Journal of Medicine, gun gabh an leigheas deuchainneach a thoirt gu sàbhailte do chloinn bho aois dhà bhliadhna air adhart, 's gum faod e casg a chur air mòran de na greimean aca.

Trending Now