Naidheachdan 11:00m
LÃ baraich
Thuirt Ceannard nan Là barach ann an Alba, Anas Sarwar, gur e fìor bhriseadh-dùil a th' ann gun do chuir am Partaidh Uaine na Là baraich dhan treas à ite ann am fo-thaghadh Gorton agus Denton ann an sgìre Mhanchester. Bha mòr-chuid faisg air 15,000 aig an tagraiche Uaineach, Hannah Spencer, san taghadh air an robhas a' coimhead mar dheuchainn do Sir Keir Starmer. Bha Reform UK san dà rna à ite. Thuirt Anas Sarwar ron seo gum bu chòir dhan Phrìomhaire a dhreuchd fhà gail. Nì Anas Sarwar òraid aig co-labhairt nan Là barach Albannach ann am Pà islig an-diugh anns an geall e plana airson dèiligeadh ri cion luchd-obrach ann an slà inte agus cùram sòisealta.
Seirbheis na Slà inte
Tha buidheann mheidigeach ag rà dh gu bheil cunnart ann nach mair an NHS san aon dreach mura bi co-obrachadh eadar na partaidhean aig Holyrood. Dh'iarr Colaiste Rìoghail Lighichean Dhùn Èideann air h-uile partaidh plana fhoillseachadh airson an NHS a shà bhaladh, agus thuirt iad mura tig tuilleadh airgid bhon riaghaltas nach gabh h-uile roinn san t-seirbheis shlà inte a ghlèidheadh.
Bill Clinton
Bheir Bill Clinton, a bha aig aon à m na cheann-suidhe sna Stà itean Aonaichte, fianais an-diugh fhathast dhan chomataidh sa Chòmhdhail a tha a' rannsachadh faidhlichean Epstein. Bha a bhean Hillary, a bha na rùnaire-stà ite roimhe, mu choinneimh na comataidh an-dè.
Ospadal a' Bhelford
Tha dragh air luchd-iomairt mu chuid den phlana airson ospadal ùr sa Ghearasdan. Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh gu h-oifigeil dhan ospadal a chosgas faisg air £140m, ach tha feadhainn a' togail cheistean mu ghoireasan parcaidh agus aite san laigheadh heileacoptair.
ÃŒomhaigh
Tha fear a tha 38 an greim fo amharas gur e grà in-cinnidh as adhbhar do mhilleadh a rinn e air ìomaigh de Sir Winston Churchill ann am meadhan Lunnainn. Chaidh briathran an leithid "Stop the Genocide" agus "Free Palestine" a sgrìobhadh le peanta dearg air an ìomhaigh shnaidhte.