Naidheachdan 11:00m

Sir Keir Starmer

Bruidhnidh Sir Keir Starmer air beulaibh bhall-pàrlamaid Làbarach an-diugh feuch an cuir iad taic ris anns an sgainneal mun Mhorair Mandelson. Leig ceannard oifis a' Phrìomhaire, Morgan McSweeney, dheth a dhreuchd an-dè, 's e ag ràdh gun robh esan a' gabhail an uallaich airson mar a chomhairlich e do Sir Keir am Morair Mandelson a chur na thosgaire a Washington. Ach thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu bheil an t-uallach air a' cheann thall air Sir Keir Starmer fhèin agus gur e droch cho-dhùnadh a rinn e.

Ospasan

Tha ceannardan ospais ag ràdh gum feumar dèiligeadh le cion-cùraim deireadh-beatha ann an sgìrean dùthchail. Tha iad airson 's gun tèid coimhead ris agus Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a' bhòtadh deireadh na mìos aig an ìre mu dheireadh de reachdas bàs le taic. Tha eagal air na h-ospasan gum bi daoine airson am beatha a thoirt gu crìch mura bi cùram deireadh-beatha ceart ri fhaighinn dhaibh anns na sgìrean aca fhèin.

Seirbheisean Adhair

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gum biodh seirbheisean adhair nan eilean uile saor bho chosgaisean àrainneachd chàrboin. Chan eil aig plèanaichean beaga ri sin a phàigheadh an-dràsta, ach tha Ùghdarras Sgeama nan Eimiseanan am beachd am faochadh sin a tharraing. Tha Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum bu chòir gach seirbheis eadar na h-eileanan agus a-mach 's a-steach às na h-eileanan a bhith saor bhuaithe.

Stalcair

Sheachain fireannach aois 71 binn prìosain an dèidh a bhith air fhaighinn ciontach gun robh e a' stalcadh a' chraoladair BBC Anne NicAilpein. Chaidh òrdugh coimhearsnachd dà bhliadhna a chur air Raibeart Green à Glaschu le cùmhnant gum bi faire air fad dà bhliadhna. Ann an Cùirt an t-Siorraidh an Glaschu chaidh òrdugh a chur air cuideachd nach fhaod e conaltradh sam bith a dhèanamh le Anne NicAilpein airson a' chòrr de a bheatha.

Bileachan-sneachda

Tha rabhadh ga chur gu daoine a bhios a' coiseachd nam beann mun chunnart a th' ann am bileachan-sneachda an dèidh do dhuine tuiteam 150 meatar le beinn ann an ear-dheas na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain. Tha luchd-teasairginn ag ràdh gun robh e uabhasach fortanach nach deach a thiodhlacadh fon t-sneachd.

Drònaichean

Tha dòchas gun tòisich drònaichean a' giùlan chungaidhean leigheis is bathair anns na h-Eileanan Siar ann an ùine nach bi fada. Thuirt a' chompanaidh dhrònaichean carago Windracers gu bheil iad an dùil a leithid a stèidheachadh an taobh a-staigh bliadhna. Tha iad mar thà air na drònaichean fheuchainn ann an Arcaibh. 'S e an dòchas gum bi iad feumail airson stuth meadaigeach fhaighinn gu daoine, agus cuideachadh a' faighinn cuid de dh'iasg is maorach gu margaidhean ann an cabhaig.

Trending Now