Naidheachdan 11:00m
Turas chun na gealaich
Tha rocaid NASA a' dol timcheall na cruinne an-drà sta le ceathrar air bòrd, agus iad a' dèanamh nan sgrùdaidhean mu dheireadh feuch an tèid aca air cumail orra len turas chun na gealaich. Chan eil iad a' dol a laighe air a' ghealaich ann ge-tà , ach tha iad an dùil a dhol nas fhaide ann am fà nas na chaidh mac an duine riamh roimhe.
Cogadh Iran
Tha arm Iran air maoidheadh ionnsaighean nas là idire agus nas fharsainge a thoirt air na Stà itean Aonaichte agus Israel. Tha seo a' tighinn às dèidh òraid a' Chinn-suidhe Trump a-raoir agus e ag rà dh gun tèid ionnsaigh chruaidh a thoirt air Iran sna beagan sheachdainean ri thighinn. Thuirt Mgr Trump gu bheil iad air cùrsa gus amasan a' chogaidh a choileanadh an ceartair.
Prìs na h-ola
Tha à rdachadh mu 6.5% air tighinn air prìs na h-ola às dèidh òraid a' Chinn-suidhe Trump. Tha i a-nist aig còrr air $107 am baraile.
Grenfell
Tha buidheann dhen fheadhainn a thà inig beò à tubaist Grenfell air cà ineadh là idir a dhèanamh air na thuirt labhraiche taigheadais Reform UK. Bha Simon Dudley air a rà dh ged is 's e tubaist a bh' anns na thachair ann an 2017, thig bàs dhuinn uile air a' cheann thall. Tha Sir Keir Starmer air ìmpidh a chur air Nigel Farage Mgr Dudley a chur às a dhreuchd, 's tha Mgr Dudley fhèin air leisgeul a thabhainn airson na thuirt e 's e ag rà dh nach robh e airson dìmeas a dhèanamh air call beatha idir.
Taghadh na h-Alba
Tha 29 partaidh poilitigeach air iad fhèin a chur air aghaidh airson nan Taghaidhean Albannach sa Chèitean. Tha cha mhòr 600 tagraiche le sùil air a bhith nam ball aig Holyrood san ath phà rlamaid. Tha còig seachdainean de dh'iomairt romhpa a-nist mus bi an taghadh ann air an 7mh den Chèitean.
Tubaist rathaid
Chaidh boireannach, 88, a mharbhadh às dèidh là raidh bualadh innte fhad 's a bha i a' dol tarsainn an rathaid an Siorrachd Àir. Bhuail an là raidh HGV innte air a' phrìomh-shrà id sa Leargaidh Ghallda goirid às dèidh 10.00 madainn an-dè. Thuirt na poilis gun do dh'eug i aig an là raich agus gu bheil an cuid rannsachaidh a' leantainn.