Naidheachdan 10:00m
Cogadh Iran
Tha Ioran agus na Stà itean Aonaichte ag rà dh gu bheil iad air molaidhean fhaighinn feuch crìoch a chur air a' chogadh san Ear-Mheadhanach. 'S i Pacastan a tha air am plana a chur ri chèile agus i air a bhith an sàs ann an còmhraidhean le gach taobh. Am measg na tha san amharc tha aonta le dà ìre gun rachadh fois-fhòirneirt a stèidheachadh sa bhad agus gun rachadh Caolas Hormuz fhosgladh a-rithist.
Tha Ioran ag rà dh gu bheil iad a' dèanamh sgrùdaidh air na molaidhean, ach thuirt iad nach fhosgladh iad an caolas a-rithist airson aonta eadar-amail. Tha an Ceann-suidhe Trump air maoidheadh gu bheil aig Tehran gu a-mà ireach gus fhosgladh a-rithist air neo gun rachadh ionnsaigh a thoirt air bun-structar cumhachd is air drochaidean Iorain.
Sochairean
Gheibh na milleanan a tha a' faighinn a' Chreideis Choitchinn air neo peinnsean na stà ite à rdachadh orra bho an-diugh. Tha à rdachadh 3.8% ga thoirt air a' chuid as motha de shochairean 's tha à rdachadh 4.8% ga thoirt air peinnseanan.
Cìs Oighreachd
Tha cìs oighreachd de 20% a-niste cuideachd air cuid de thuathanaich an-diugh airson a' chiad uair bho na 80an. Bha na planaichean air fearg mhòr adhbharachadh nuair a chaidh fhoillseachadh an toiseach bho chionn bliadhna gu leth. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aig deireadh na bliadhna an-uiridh ge-tà , gun toireadh iad à rdachadh air an ìre fom biodh aig tuathanaich ri seo a phà igheadh bho £1m gu £2.5m.
Cùram
Tha deich teaghlaichean Albannach ag rà dh gu bheil iad air strì fad mhìosan is bliadhnaichean gus suimean mòra airgid fhaighinn air ais bhon chompanaidh Morar Care Group. Tha iad air innse do phrògram Disclosure a' BhBC gun robh iad air an t-airgead a phà igheadh mar bharrantas gus à ite a ghlèidheadh ann an dachannan cùraim na companaidh, le dùil faigheadh iad air ais e. Thà inig droch ìrean de chùram aig tè de na dachannan aca, Castlehill an Inbhir Nis, am bà rr ann an rannsachadh dìomhair a chaidh a dhèanamh an-uiridh.
Tha Morar Care Group ag rà dh gu bheil na casaidean nan aghaidh eachdraidheil, ceà rr agus meallta.