Naidheachdan 11:00m
Coimiseanar Fiosrachaidh na h-Alba
Tha Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba a' toirt Riaghaltas na h-Alba gu lagh an dèidh dha faileachadh air an riaghaltas pà ipearan a thoirt am follais co-cheangailte ri rannsachadh eitigeach mu Nicola Sturgeon. 'S e an-dè an là mu dheireadh a bha aig an riaghaltas conaltradh fhoillseachadh co-cheangailte ris an rannsachadh a cho-dhùin nach do bhrist an t-seann phrìomh mhinistear, Ms Sturgeon, còd modh nam ministearan san dòigh san do rannsaich ise Ailig Salmond a bha na phrìomh mhinistear roimhpe. Thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gun toir iad seachad na pà ipearan sin a dh'aithghearr ach tha Coimiseanair an Fhiosrachaidh a' cur cùis-lagha air bhonn fom faodadh an riaghaltas a bhith fo chasaid gun do rinn iad dì-meas air cùirt.
A' Ghraonlainn
Bha coinneamh aig Prìomh Mhinistear na Danamhairg, Mette Frederiksen, ri ceannard NATO, Mark Rutte, mun aonta ris a' Cheann-Suidhe Trump mun Ghraonnlain. Cha robh oifigich às an Danamhairg neo às a' Ghraonnlain aig na còmhraidhean a' bhòn-dè a thug air Mgr Trump sguir a bhagairt an-drà sta air an eilean a bhuineas dhan Danamhairg. Cha deach innse dè tha san aonta sin ach tha beachd ann gum faodadh an Danamhairg pà irtean beaga den fhearann a thoirt dha na Stà itean Aonaichte airson aonadan-airm a thogail.
An Ucrà in
Tha còmhraidhean anns na h-Emireatan Aonaichte Arabach an-diugh ag amas air sìth san Ucrà in. Seo a' chiad uair a tha riochdairean Ruiseanach, Aimeireaganach agus Ucrà inianach a' coinneachadh bho thòisich an cogadh bho chionn faisg air ceithir bliadhna.
Dìosal dearg
Tha dragh ann gun caill bà taichean-iasgaich nan Eilean Siar connadh saor a' losgadh. Tha coltas gu bheil Roinn na Cuspainn am beachd cur às dhan chead a tha aig Comhairle nan Eilean Siar dìosal dearg a reic aig 14 à itichean sna h-Eileanan. Thog ball nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, a' chùis ann an Taigh nan Cumantan an-dè.