"Tha an t-uabhas nach eil ga iarraidh idir"
Chaidh dragh a thogail aig coinneimh sa Mhanachainn oidhche Chiadain mun bhuaidh a bheireadh planaichean SSEN airson fo-stèisean cumhachd san sgìre.
Tha a' chompanaidh a' sireadh cead-dealbhachaih bho Chomhairle na Gà idhealtachd agus iad ag rà dh gu bheil feum air goireasan agus crainn-dealain ùra airson targaidean an Riaghaltais Albannaich airson cothromachadh carboin a choileanadh.
Tha dragh air cuid san sgìre ge-tà , mun ùpraid a bhios ann a thaobh trafaig is turasachd fhad 's a thathas ga thogail.
Thuirt SSEN gun dèanadh iad an dìcheall buaidh na trafaig a lùghdachadh.