Naidheachdan 11:00m
Am Morair Mandleson
Tha Sir Philip Barton, a bha na cheannard air Oifis na Dùthcha, am measg à rd-sheirbheisich chatharra a tha a' toirt fianais an-diugh dhan chomataidh a tha a' rannsachadh mar a chaidh am Morair Mandelson fhastadh mar thosgaire dha na Stà itean Aonaichte. Thuirt Sir Philip gun robh dragh air mu chà irdeas a' Mhorair ri Jeffrey Epstein ach nach d' fhuair e an cothrom sin a dhèanamh follaiseach. Agus bidh bhòt aig buill-phà rlamaid feasgar air am bu chòir rannsachadh pà rlamaid a bhith ann mu chasaidean gun do mheall Sir Keir Starmer Taigh nan Cumantan mu sgrùdadh tèarainteachd Pheadar Mandelson. Tha Srà id Downing a' dol às à icheadh nan casaidean sin.
An Rìgh an Aimeireaga
Nì an Rìgh òraid aig a' Chòmhdhail an-diugh fhathast sa bheil dùil gun can e gu bheil eachdraidh fhada de cho-obrachadh agus cà irdeas eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na Stà itean Aonaichte. Chuir an Ceann-suidhe Trump fà ilte air an Rìgh agus a' Bhanrigh ann an Washington DC an-dè aig toiseach turais ceithir latha.
Na meadhanan sòisealta
Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cuir iad casg air clann fo 16 bliadhna de dh'aois bho na h-uimhir de na meadhanan sòisealta. Tha Taigh nam Morairean a' feuchainn ri là n-chasg a thoirt gu buil le bhith a' cur mà ill air a' bhile ach thuirt ministear riaghaltais an-raoir gum bi casg ann aig ìre air choireigin.
Liostaichean-feitheimh
Dh'fhaillich air Riaghaltas na h-Alba tighinn air an targaid airson liostaichean-feitheimh an NHS. Tha figearan bho Shlà inte Phoblach Alba ag rà dh gu bheil faisg air 34,000 euslainteach air a bhith a' feitheamh còrr is bliadhna agus gu bheil mu 500,000 duine air liosta-fheitheimh.
Prothaidean BhP
Dh'innis a' chompanaidh ola BP gun do rinn iad còrr is £2bn ann am prothaid air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna seo. Tha sin còrr is a dhà uimhir 's a bh' ann aig an aon à m an-uiridh. 'S e cogadh Iran as motha a chuir ris an à rdachadh sin.