Naidheachdan 11:00m
Còmhraidhean Sìthe
Thà inig cuairt eile de chòmhraidhean sìthe eadar an Ruis agus an Ucrà in ann an Geneva gu ceann an-diugh gun aonta air na h-uimhir de rudan. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ucrà in, Volodymyr Zelensky, gun robh na còmhraidhean, leis na Stà itean Aonaichte os an cionn, doirbh ach gu bheil a h-uile h-adhbhar ann sreath chòmhraidhean eile a chur air dòigh.
Bun-Tuarasatal
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air dà il sa phlana airson bun-tuarastail aig an aon ìre do dh'inbhich aig gach aois. Bha sin ann am manifesto nan Là barach ach tha dragh air ministearan gu bheil am plana a' cur ri ìre cion-cosnaidh am measg òigridh oir tha leisg a-nis air luchd-fastaidh cosnadh a thoirt do dhaoine òga oir thig orra tuarastal nas motha a thoirt dhaibh.
An Atmhorachd
Thuit an atmhorachd dhan ìre as lugha ann am faisg air bliadhna bho 3.4% gu 3%. Ged nach eil prìsean ag èirigh cho luath 's a bha iad tha an atmhorachd fhathast os cionn targaid Bhanca Shasainn aig 2%.
Ă€rd-Sgoil Mhuile
Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh an dèidh ath-sgrùdaidh laghail air mar a chaidh là rach a thaghadh do dh'à rd-sgoil ùr Mhuile. Thug eileanaich a tha ag iarraidh na sgoile ann an meadhan an eilein, Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid gu lagh an dèidh dhan ùghdarras ionadail cur romhpa an sgoil a thogail ann an Tobar Mhoire.
Droch-Dhìol Drabasta
Tha an cunnart anns a bheil clann bho dhroch-dhìol dhrabasta air-loidhne a' fàs nas miosa le còrr 's 1,000 duine gan cur an grèim gach mìos air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Buidheann Nà iseanta na h-Eucoir gu bheil mòran de na h-ìomhaighean sin air na meadhanan-sòisealta agus gum feum companaidhean techneòlais mòran a bharrachd a dhèanamh airson stad a chur air an leithid.
Zuckerberg
Bheir à rd-oifigeach na companaidh Meta, Mark Zuckerberg, fianais do chùirt ann an Los Angeles an-diugh ann an cùis-lagha mu bhuaidh nam meadhanan-sòisealta air òigridh. 'S ann le Meta a tha Facebook, Instagram agus WhatsApp. Tha boireannach agus a mà thair a' fà gail air Instagram agus Youtube gun deach an dealbh air dhòigh a tha a' glacadh dhaoine. Tha na companaidean a' dol às à icheadh sin.