Naidheachdan 11:00m
Stèisean Meadhan Ghlaschu
Thuirt an t-seirbheis smà laidh gu bheil iad an dòchas gun tèid timcheall air Stèisean Meadhan Ghlaschu fhosgladh uair eile an dèidh teine mhòr Là na Sà baid. Tha an stèisean as trainge ann an Alba fhathast dùinte agus rannsachadh a' leantainn. Tha dùil ri troimhe-chèile air an rèile airson grunn là ithean fhathast. Thuit mòran de thogalach ri taobh an stèisein chun na talmhainn ri linn an teine, le amharas ann gun do thòisich seo ann am bùth a bhiodh a' reic thoitean vape.
Prìs na h-Ola
Tha prìs na h-ola air a thighinn a-nuas an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump a rà dh gun robh an cogadh le Iran "cha mhòr seachad". Cha tug e clà r-ama seachad ach thuirt e nach robh na Stà itean Aonaichte air "gu leòr a bhuannachadh fhathast". Thuit prìs baraille de dh'ola gu timcheall air $90, an dèidh cha mhòr $120 a ruighinn an-dè. Thuirt arm Iran gur iadsan a thigeadh gu co-dhùnadh mu cuin a thig an cogadh gu crìch.
Cuideachadh gu BĂ s
Tòisichidh Buill-Phà rlamaid Albannach deasbad an-diugh air na h-atharrachaidhean mu dheireadh chun a' bhile airson bàs le taic aig Holyrood. Thèid beachdachadh air còrr air 300 atharrachadh chun a' bhile an t-seachdain seo mus tèid an deasbad agus bhòt mu dheireadh a chumail an ath Dhimà irt.
Am Post Rìoghail
Chaidh am Post Rìoghail às à icheadh gu bheil iad a' toirt prìomhachais do pharsailean seach litrichean, agus iad ag rà dh gun cuir iad plana an sàs mu mar a bheir iad piseach air an t-seirbheis a tha iad a' tabhainn. Bha seo an dèidh mar a dh'innis na ceudan de dhaoine dha Naidheachdan a' BhBC nach robh iad a' faighinn litrichean cudromach ann an ùine. Thuirt am Post Rìoghail nach robh e na phoileasaidh dhaibh a bhith a' toirt prìomhachais do pharsailean, agus gun robh iad a' dèanamh seo ann a cuid de dh'oifisean lìbhrigidh a-mhà in airson adhbharan sà bhailteachd.
DĂąn BhlĂ thain
Dh'innis athair nighinn a chaill a beatha san ionnsaigh aig Bun-Sgoil Dhùn Bhlà thain dhan BhBC nach eil an lagh mar a tha e an-drà sta a' dol fada gu leòr airson dèanamh cinnteach nach tachair cà il de a leithid a-rithist. Tha 30 bliadhna ann bho chaidh nighean Mick North, Sophie, a mharbhadh còmhla ri 15 sgoilearan eile agus an tidsear aca. Lean seo gu casg air gunnaichean-là imhe san Rìoghachd Aonaichte. Ach tha e ag rà dh gu bheil beà rnan anns na laghan mu thimcheall ghunnaichean, agus iomagain air gum faod iad seo a bhith air an lagachadh.