Naidheachdan 11:00m
Mandelson
Tha am Morair Mandelson fhathast fo rannsachadh poilis airson mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblaich ged a chaidh a shaoradh air urras trà th sa mhadainn an-diugh. Thòisich rannsachadh na bu trà ithe air a' mhìos mu chasaidean gun tug esan fiosrachadh mu na margaidhean ionmhais do Jeffrey Epstein. Tha am Morair Mandelson a' dol às à icheadh gun do rinn e dad de dh'eucoir.
Anndra Mountbatten-Windsor
Tha na Libearalaich Dheamocratach ag iarraidh bhòt sna Cumantan airson toirt air an Riaghaltas pà ipearan fhoillseachadh mun dòigh san deach Anndra Mountbatten-Windsor fhastadh mar thosgaire malairt ann an 2001. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Bridget Phillipson gu bheil an Riaghaltas deònach ann am prionnsabal, ach gum feum iad a bhith faiceallach nach dèan iad cron air rannsachadh nam Poileas mun chùis.
An Ucrà in
Dh'innis an Ceann-Suidhe Zelensky do Phà rlamaid na h-Eòrpa gu bheil cunnart on Ruis a cheart cho mòr 's a bha an là a thòisich an ionnsaigh bho chionn ceithir bliadhna. Rinn Mgr Zelensky moladh air fulangas agus neart na dùthcha aige, agus thuirt e gur e Vladimir Putin a thòisich an cogadh, agus gur esan as motha as coireach nach eil sìth ann.
Prìosanaich
Tha buidheann eile phrìosanach gan saoradh trà th an-diugh. Fhuair còrr is 400 saorsa bho thòisich sgeama Riaghaltas na h-Alba san t-Samhain airson dèiligeadh ri prìosain ro là n. Tha na pà rtaidhean dùbhlanach ag rà dh gur e cion-stiùir an Riaghaltais as coireach gu bheil na prìosain san t-suidheachadh sin.
Buidseat Comhairle nan Eilean Siar
Thèid buidseat Comhairle nan Eilean Siar aontachadh an-diugh 's am measg nan roghainnean a tha romhpa mu choinneimh beà rn £4.5m tha à rdachadh 9.5% sa chìs-chomhairle, agus cha mhòr £400,000 de ghearraidhean. Tha dithis bhall SNP ag iarraidh à rdachadh na cìse-comhairle a chumail aig 7.5% mar a bh' ann an-uiridh.
Rèile-beinne
Thà inig rabhadh o Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Holyrood gum faodadh gum bi cosgaisean airson a bhith a' cumail sùil air agus a' cà radh Rèile-beinne a' Chà irn Ghuirm nas motha na tha a luach eaconomach. Chaidh còrr is £25m a chosg bho 2018 air an rèile, a dh'fhosgail a-rithist sa Ghearran an-uiridh.
Holyrood
Bidh bhòt ann am Pà rlamaid na h-Alba an-diugh air bile a bheireadh cead do luchd-bhòtaidh am ball a tha gan riochdachadh aig Holyrood a chur às an dreuchd ann an cuid de shuidheachaidhean. Tha am bile aig Graham Simpson, ball Reform UK aig Holyrood, ag iarriadh cunntalachd airson modh agus dol a-mach nam ball, car coltach ris an t-siostam "recall" aig Westminster.