Naidheachdan 11:00m

Rèidean

Rinn poileas ann an Alba agus anns an Spàinn sreath rèidean ann an rannsachadh fad dà bhliadhna air droch eucoir eagraichte. Chuir iad ochdnar an greim eadar Glaschu, Siorrachd Lannraig agus Taobh Siar Lodainn, a bharrachd air feadhainn ann am Barcelona agus air a' Chosta Del Sol.

Iran

Thuirt an Ceann-suidhe Trump gun cuir e maill airson deich là eile air ionnsaighean air aonadan cumhachd Iran. Bha e a' maoigheadh sin mura dh'fosgladh Tehran Caolas Hormuz a-rithist. Tha Mgr Trump a' cumail a-mach gu bheil còmhraidhean a' dol gu math. Tha aithrisean ann gu bheil am Pentagon am beachd 10,000 saighdear a bharrachd a chur air an talamh san Ear-Mheadhanach.

Am Morair Mandelson

Chaidh innse dhan BhBC gun iarr an riaghaltas teachdaireachdan bho fòn phearsanta a' Mhorair Mandelson mar phàirt den rannsachadh mun dòigh san deach esan fhastadh mar thosgaire dha na Stàitean Aonaichte. Chaill am Morair Mandelson an dreuchd sin san t-Sultainn an-uiridh airson a chàirdeas ris an eucoireach-feise Jeffrey Epstein.

Aiseagan

Dh'aidich Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur dòcha nach robh iad riamh roimhe ann an suidheachadh cho doirbh le bàtaichean a-mach à seirbheis. Tha ceithir de na soithichean san doc agus tha trioblaidean teicnigeach aig na h-uimhir eile. Thabhainn CalMac leisgeul air na coimhearsnachdan air a bheil sin a' toirt buaidh.

Malcolm Offord

Dh'aidich ceannard Reform UK ann an Alba gur e dìmeas air daoine gèidh a bh' ann am fealla-dha a rinn aig dinneir club rugbaidh bho chionn ochd bliadhna. Thuirt Malcolm Offord gu bheil na meadhanan a' dèanamh fada cus den chùis agus gun do dh'iarr e a leisgeul a gabhail ann an 2018 airson na thuirt e aig an àm sin.

Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean

Tha còig companaidhean fo rannsachadh aig Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean fo amharas gun do chuir iad fiosrachadh meallta ann an ath-sgrùdaidhean air-loidhne mu ìre na seirbheis aca. Tha an rannsachadh a' coimhead air modhan-obrach AutoTrader, Just Eat, Feefo, Pasta Evangelists agus a' chompanaidh tiodhlaicidh Dignity.

An eaconamaidh

Bha lùghdachadh 0.4% anns na chaidh a reic sna bùthan sa Ghearann seach mar a bha san Fhaoilleach. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun deach nas lugha a reic anns na bùthan-mòra agus gun tug an droch aimsir buaidh air stuth taighe.

Trending Now