Naidheachdan 11:00m
Cogadh Iran
Tha dùil ri còmhraidhean ann am Pacastan Dihaoine a dh'fheuchainn ri sìth mhaireannach a dhèanamh ann an cogadh Iran. Tha Pacastan a-nis ag obair mar eadar-mheadhanair. Chaidh fosadh cola-deug a ghairm a-raoir, dìreach uair a thìde gu leth mus tà inig an ceann-ùine a thug an Ceann-suidhe Trump seachad neo gun sgriosadh e Iran. Tha am Pà p am measg na rinn cà ineadh mòr air na Stà itean Aonaichte airson a bhith a' bagairt dùthaich a sgrios gu tur anns an dòigh sin. Mar phà irt dhen fhosadh, tha Iran air aontachadh Caolas Hormuz fhosgladh do shoithichean fad a' chola-deug a bhios còmhraidhean a' dol.
An Leabanon
Tha Israel ag rà dh nach EIL am fosadh a' gabhail a-steach na h-iomairt aca-san an aghaidh Hezbollah anns an Leabanon. Thug iad ionnsaighean eile an sin an-diugh, air Tìoras agus Nabatieh.
Cabhlach ChalMac
Tha CalMac ag iarraidh air duine sam bith a tha an dùil siubhal leotha sùil a thoirt air là rach-lìn nan aiseagan, 's iad ag rà dh gu bheil trioblaidean mòra a' leantainn le dìth bhà taichean. Tha mun treas cuid de na soithichean aca fhathast a-mach à seirbheis 's iad an dà rna cuid a-staigh airson cà radh bliadhnail air neo briste. Tha sia soitheachan mòra agus ceithir bà taichean beaga gun chomas seòladh - nam measg am bà ta ùr an Glen Sannox. Tha cuideachd an Lord of the Isles air briseadh, a' toirt buaidh air seòlaidhean eadar an t-Òban agus Barraigh.
Iomairt an Taghaidh Albannaich
Tha suidheachadh nan aiseagan fa-near do chuid de na pà rtaidhean poileataigeach ann an taghadh Pà rlamaid na h-Alba an-diugh. Tha an SNP a' gealltainn maoin seasmhachd dha na h-eileanan, luach £10m, ma thèid riaghaltas fo stiùir-san a stèidheachadh às dèidh an taghaidh. Tha iad cuideachd a' gealltainn eileanaich a chur air bòrd-stiùiridh ChalMac. Tha na Libearalaich Dheamocratach, na Là baraich 's na Tòraidhean a' cà ineadh an tabhartais airgid ge-tà ; tha iad ag rà dh gu bheil e ro anmoch, agus nach eil an SNP nan caraid do dh'eileanaich.
Airidhantuim
Chaidh tasglann dualchais ùr a chur air chois ann an sgìre Airidhantuim air taobh siar Leòdhais. Tha là rach-lìn ùr na chois, le stuth mu eachdraidh an à ite. Chaidh tòrr dheth a chruinneachadh le fear de mhuinntir na sgìre, Ruairidh Mà rtainn, a th' air a bhith ag obair air bho chionn iomadh bliadhna, 's tha e a-nis ag rà dh gu bheil e fosgailte do dhuine sam bith agus gun tèid cur ris.