Naidheachdan 11:00m
Sìona
Thuirt Sir Keir Starmer gun robh còmhradh math aige ris a' Cheann-Suidhe Xi Jingping ann am Beijing. Thuirt am Prìomhaire gun do rinn iad adhartas gu ruige gearradh ann an taraif an uisge-bheatha, cead bhìosa do luchd-siubhail Bhreatannach ann an Sìona, agus casg air einnseanan Sìonach a bhios air bà taichean beaga luchd-siridh comraich anns a' Chaolas Shasannach. Agus thuirt e gun do bhruidhinn iad air còraichean daonna agus cùis an fhir-iomairt airson deamocrasaidh Jimmy Lai, a tha sa phrìosan ann an Hong Kong.
Buidseatan Chomhairlean
Tha Coimisean a' Chunntais ag rà dh gu bheil cion an airgid a' sìor fhàs nas miosa aig a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba, 's gum bi e doirbh gearraidhean a sheachnadh. Tha aithisg ùr bhon Choimisean ag rà dh gum bi beà rn faisg air £1bn ann am buidseatan chomhairlean gu lèir an ath-bhliadhna, agus gu bheil cunnart ann gum feum goireasan mar amaran-snà imh agus leabharlainn dùnadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad an t-suim as motha fhathast, cha mhòr £15.7bn, dha na comhairlean ann am buidseat 2026/27.
Santander
Bidh Santander a' dùnadh 44 de na bancaichean aca san Rìoghachd Aonaichte, a' cur faisg air 300 cosnadh ann an cunnart. 'S e gluasad luchd-cleachdaidh gu bancadh air-loidhne as motha a thug buaidh air a' cho-dhùnadh a rèir na companaidh. Dùinidh meur Chathair Cheann Tullaich aig deireadh a' Ghiblein, agus am banca san t-Sròn Reamhar anns a' Chèitean.
Iran
Thuirt Àrd-Thosgaire an Aonaidh Eòrpaich, Kaja Kallas, gu bheil là n-dùil aice gun cuir an EU na Geà ird Reabhlaideach Ioslamach ann an Iran air liosta nan ceannairceach aca mar fhreagairt dhan dòigh sa bheil Tehran ri fòirneart an aghaidh feadhainn a tha a' togail fianais. Agus thug an Ceann-Suidhe Trump rabhadh uair eile do dh'Iran, gu bheil an ùine a' ruith orra airson aonta mun phrògram niuclasach aca.
Luchd-taisteil
Tha Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba ag iarraidh dìoghladh airson sgeama an "Tinker Experiment" mar a bh' air. Chuir an sgeama sin, a thòisich ann am meadhan na linne seo chaidh, casg air luchd-taisteil bho shiubhal bho à ite gu à ite, agus chaidh an cur a dh'fhuireach ann an droch thaigheadas. Tha an Coimisean ag rà dh gu bheil buaidh sin ann chun an là an-diugh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd thaistealaich mun chùis.