Sgoil mhòr ùr do Bhaile Dhubhthaich

Dh'fhaodadh gum bidh aon sgoil mhòr ann am Baile Dhubhthaich an ceann dà bhliadhna.

Na bu tràithe Diardaoin dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach an sgoil ùr a chur air bàrr na liosta aca airson taic-ionmhais bho Riaghaltas na h-Alba.

Chan eil dearbhadh ann fhathast gun tig an t-airgead, ach tha a' Chomairle dòchasach gum bidh campus ùr sa bhaile a dh'aithghearr airson cloinn bho aois 13 gu 18 bliadhna.

Trending Now