Gàidhlig Pheairt

Toiseach na ficheadamh linn, bha sgìrean fhathast ann an Gàidhealtachd Pheairt, leithid Raineach agus Gleann Lìomhainn far am b'e Gàidhlig prìomh chànan mu thrì chairteal den t-sluagh.

Le buaidh nan cogaidhean mòra, foghlam, eilthireachd is eile, thàinig crionadh uabhasach thairis air an ath linn agus shiubhail a' chuid as motha de luchd-labhairt dùthchasach a' chànain sna deicheadan mu dheireadh den fhicheadamh linn.

Ach tha oidhirpean air a bhith gan dèanamh san linn seo fhèin gus freumhan ùra a chur sìos dhan chànan ann an Siorrachd Pheairt.

Tha Ruairidh MacIomhair ag aithris.

Trending Now