Seirbheisean leabharlainn an Tiriodh agus Ìle air an glèidheadh

Làmh neach le a chorrag air leabhar ann an leabharlannTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a h-uile leabharlann ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a-nis sàbhailte

  • Air fhoillseachadh

Tha leabharlannan an Earra-Ghàidheal is Bòd air fad air seasamh nas cinntiche às dèidh do Live Argyll, a' bhuidheann ris a bheil iad an urra, barrachd airgid fhaighinn bho ùghdarras ionadail na sgìre.

Bha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' moladh maoineachadh don bhuidhinn charthannais a ghearradh 5%.

Rinn Live Argyll strì agus dh'iarr iad £300,000 air a' chomhairle gus na seirbheisean a chumail a' dol aig an aon ìre.

Ged nach do dh'aontaich comhairlichean ach suim £150,000 a bharrachd a thoirt dhaibh, tha e a' ciallachadh gum fosgail leabharlann Thiriodh uair eile agus gun tòisich bhana an leabharlainn ann an Ìle às ùr.

Bha mì-chinnt mun t-seirbheis ann an Tiriodh an dèidh don leabharlannaiche a dreuchd a leigeil dhith.

Ann an Ìle thàinig stad air bhana an leabharlainn leis gun do dh'fhalbh an leabharlannaiche, chaidh aca air cuideigein eile fhastadh.

Tha a h-uile leabharlann eile san sgìre air a shàbhaladh cuideachd.

Fhuair suirbhidh a sgaoil Live Argyll 6,500 freagairt bho dhaoine a thuirt gun robh na seirbheisean seo cudromach dhaibh.

Tha Live Argyll, a tha a' ruith ionadan-spòrs agus tallachan a bharrachd air leabharlannan, a' toirt rabhaidh mu na dùbhlain ionmhais a bhios romhpa agus na cosgaisean air a dhol an-àirde 22% bho 2021.

Trending Now