Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis

Gearastan nan Camshronach
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid na ceudan de luchd-siridh comraich a chumail ann an taighean-feachd an airm, le Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis air fear dhiubh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Diluain gu bheil iad an dùil an làrach a chur gu feum 'son suas ri bliadhna bho thràth san Dùbhlachd.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum biodh timcheall air 300 luchd-siridh comraich a' fuireach ann aig diofar amannan.

Tha iad ag ràdh gu bheil dragh orra mun chùis is iad air coinneamh shònraichte a chur air dòigh 'son a dheasbad.

'S e an làrach eile a tha san amharc aig an Riaghaltas Campa Trèanaidh Crowborough ann an Sussex.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann gu bheil taighean-òsta gan cleachdadh airson luchd-siridh comraich a chumail fhad 's a tha iad a' feitheamh co-dhùnaidh air cead fuireach ann am Breatainn.

Tha còrr air 30,000 neach-siridh comraich a' fuireach ann an taighean-òsta an-dràsta, air chosgais nam billeanan notaichean.

Tha daoine air a bhith a' togail fianais taobh a-muigh chuid aca 's iad feargach mun phoileasaidh.

Tha am Prìomhaire a' cur ìmpidh air Oifis na Dùthcha fuasgladh a lorg dhan mhì-thoileachas.

Fo na planaichean aig ministearan, thathas cuideachd a' coimhead air làraichean eile a ghabhadh cleachdadh seach taighean-òsta.

Thuirt neach-labhairt aig Oifis na Dùthcha gun robh iad fiadhaich leis na th' ann de thaighean-òsta le luchd-siridh comraich, ach gun cùmadh làrach sam bith a thigeadh nan àite ri ìrean àrda a thaobh slàinte agus sàbhailteachd.

Dragh mun bhuaidh air a' choimhearsnachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e Oifis na Dùthcha a tha air cùl ghnothaichean is gu bheil mar a tha Gearastan nan Camshronach ga chur gu feum an urra ris an MOD is Oifis na Dùthcha a-mhàin.

Thuirt iad gun do sgrìobh ceannard na comhairle gu Rùnaire na Dùthcha an t-seachdain seo chaidh gus dearbhadh is tuilleadh fiosrachaidh iarraidh is gu bheil iad fhathast a' feitheamh freagairt.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad 'son faighinn a-mach ciamar a chaidh Inbhir Nis a thaghadh agus dè a' bhuaidh a bhiodh ann air a' choimhearsnachd.

Thuirt iad gun do dh'innis an Riaghaltas gum bi na seirbheisean riatanach uile aig an luchd-siridh comraich aig a' ghearastan ach gum bi cead aca tighinn 's falbh.

"S e am plana a th' ann an làrach a chleachdadh 'son ùine ghoirid mus tèid daoine a ghluasad gu taighean air feadh na Rìoghachd Aonaichte fhad 's a tha iad a' feitheamh dearbhadh am faigh iad cead fuireach," thuirt Comhairle na Gàidhealtachd.

"Dh'innis Oifis na Dùthcha dhuinn nach tachair am pròiseas sin ann an Inbhir Nis, rud a chuireas ris an troimh-chèile a th' ann.

"'S e an dragh as motha a th' oirnn a' bhuaidh a bheir seo aig ìre na coimhearsnachd le meud nam planaichean mar a tha iad.

"'S e coimhearsnachd an ìre mhath beag a th' ann an Inbhir Nis ach tha e coltach nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air feart a thoirt air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann gu h-ionadail agus air feadh na Gàidhealtachd."

Tha an t-ùghdarras air coinneamh shònraichte a chur air dòigh Diardaoin an 6mh den t-Samhain gus cothrom a thoirt do bhuill an gnothach a dheasbad.

Thuirt BP Inbhir Nis, an Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach, gu bheil e a' cur taic ri làraichean airm 'son luchd-siridh comraich ach gu bheil Gearastan nan Camshronach "car annasach" leis gu bheil e ann am meadhan a' bhaile.

"Bha mise den bheachd gur e as coireach an cur gu làraichean airm gum biodh iad taobh a-muigh bhailtean, is mar sin air falbh bhon t-sluagh gu ìre," thuirt e.

A' bruidhinn ris a' BhBC Dimàirt, thuirt am Prìomhaire gu bheil e "gu math toilichte" gum bi "cuid (de luchd-siridh comraich) ann an ionadan airm ro dheireadh na bliadhna".

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iadsan air draghan mu dè cho freagarrach 's a tha an làrach a thogail le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Dh'iarr iad orra obrachadh gu dlùth le Comhairle na Gàidhealtachd.

Trending Now