Plana Nàiseanta ùr nan Eilean ga fhoillseachadh

- Air fhoillseachadh
Tha tuilleadh dhachannan air prìs reusanta agus cothrom nas fheàrr air cùram-chloinne am measg cheumanan ùra a tha Riaghaltas na h-Alba air foillseachadh airson coimhearsnachdan eileanach a chuideachadh.
A thuilleadh air an sin, tha gealltanas gun tèid coimhead ri drochaidean agus tunailean a thogail an lùib Plana Nàiseanta ùr nan Eilean.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun coilean am plana targaidean tarsainn air farsainneachd de chuspairean eadar slàinte, taigheadas agus ceangalachd.
A' cur a' phoileasaidh air bhog ann an Arcaibh is Sealtainn, thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gur e ro-innleachd phractaigeach a th' ann, stèidhichte air iarrtasan on phoball.
A thaobh cheanglaichean stèidhichte, tha am plana ag ràdh gum bu chòir "sgrùdadh mionaideach" a dhèanamh air molaidhean gus ceanglaichean a chur tarsainn air Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh, a thuilleadh air eadar Muile is tìr-mòr.
'S e moladh a tha seo a tha air nochdadh ann am planaichean eile aig Còmdhail Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha e cuideachd a' tighinn beagan sheachdainean às dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar taic a chur ri ceanglaichean stèidhichte tarsainn air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh, ged a chuir iad an aghaidh drochaid air neo tunail gu tìr-mòr na h-Alba.
Nochd seasamh an ùghdarrais ionadail san fhreagairt aca gu rannsachadh a tha Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster a' dèanamh an-dràsta air ceanglaichean stèidhichte do dh'eileanan.
Diofar bheachdan mu cheanglaichean stèidhichte airson eileanan
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach 2022
Plana còmhdhail ùr do na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh1 An Gearran 2024
Taic do cheanglaichean stèidhichte air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach
Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba: "Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast airson obair air na trì ceanglaichean seo a thoirt air adhart.
"'S e an ath cheum a bhith a' dearbhadh a bheil cùis ghnothachais làidir is taic ionadail gu leòr ann gus an tuilleadh obrach a dhèanamh air na molaidhean."
Fhuair aithisg bho Chòmhdhail Alba ann an 2022 gun cosgadh na trì ceanglaichean £1.29bn.
A thuilleadh air seo, tha oidhirpean ann am Plana Nàiseanta nan Eilean gus teicneòlas air astar a chleachdadh airson dearbhadh thinneasan a leasachadh, agus cuideachadh mu choinneimh chosgaisean nas àirde bith-beò a th' air daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean eileanach.
Tha brosnachadh chànanan nan sgìrean eileanach - a' Ghàidhlig, dual-chainnt Arcaibh is dual-chainnt Shealtainn - cuideachd an lùib a' phlana, a thuilleadh air sgeama sgoilearachd do dh'oileanaich iar-cheumnach eileanach.
"'S e beartas cudromach nàiseanta a th' ann an coimhearsnachdan eileanach, agus tha iad aig cridhe ar cuid lèirsinn a thaobh soirbheachas na h-Alba mar dhùthaich anns am bi sinn beò, ag obair 's ag ionnsachadh," thuirt Mgr Swinney.
"Tha eileanaich air innse dhuinn gu soilleir na dh'fheumas iad airson an cuid amasan a choileanadh: dachannan a ghabhas ceannach, còmhdhail anns an cuir iad earbsa, agus seirbheisean ionadail a tha nas fhasa faighinn thuca - bheir am plana seo seachad do na coimhearsnachdan eileanach againn."
Dhearbh ministearan gun d' fhuair ath-sgrùdadh air a' phlana nàiseanta a bh' ann roimhe airson eileanan gun robh dùbhlain nach beag a' leantainn, ged a chaidh na h-uimhir de dh'adhartas a dhèanamh.