"Cothromachd" aig cridhe manifesto Libearlaich Dheamocratach na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Tha na Libearalaich Dheamocratach air am manifesto airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh le "cothromachd" na prìomh theachdaireachd aca agus gealltannas airson "lèirsinn airson atharrachaidh".
Am measg nan geallaidhean eile aca 's e £400m a bharrachd a chosg air cùram shòisealta, adhartas a thaobh phròiseactan mòra còmhdhail agus 2,000 neach-taice sgoile fhastadh.
Tha na Lib Deamaich cuideachd airson luchd-taice clionaigeach a bhith an ionadan dhotairean-teaghlaich - proifeiseantaich seach dotairean - a chuidicheadh le bhith a' dèiligeadh ri cùisean gus an t-uallach a thoirt far dhotairean-teaghlaich.
Chuir am partaidh am manifesto, taobh a-muigh air bhog aig tachartas an Dùn Èideann far an do rinn an ceannard Alex Cole-Hamilton pàidh peitse agus frangipani, agus na Lib Deamaich ag iarraidh air luchd-bhòtaidh taic a chur riutha air a' bhileig-bhòtaidh pheitse.
Thuirt e: "Tha sinn a' creidsinn ann an cothromachd don a h-uile duine, ge b' e cò thu neo cò às a tha thu.
"'S e sin as adhbhar gu bheil plana practaigeach againn airson rudan a chur an gnìomh le fòcas air na gnothaichean as cudromaiche mar chùram slàinte agus cosgaisean bith-beò."
Thuirt Mgr Cole-Hamilton: "Ann an tòrr sgìrean-pàrlamaid tha sinn gu math faisg air a' chùis a dhèanamh air an SNP ach ge b' e càite a bheil thu, bidh gach bhòt do na Libearalaich Dheamocratach air an dàrna bileag pheitse a' toirt seachad atharrachaidh le cothromachd aig a chridhe."
Taic do dhotairean-teaghlaich agus luchd-cùraim neo-phàighte
Dh'iarr Mgr Cole-Hamilton air luchd-bhòtaidh taic a chur ris a' phartaidh aige airson stad a chur air an SNP bho bhith a' faighinn mòr-chuid.
Thuirt e gun cuireadh am partaidh aige 900 neach-obrach NHS a bharrachd, nam measg nursaichean, teiripichean-cuirpe agus proifeiseantaich slàinte-inntinn, ann an ionadan dhotairean-teaghlaich gus am biodh e na b' fhasa do dh'euslaintich luchd-obrach speisealta fhaicinn.
Gheall na Lib Deamaich cuideachd gum faigheadh luchd-cùraim neo-phàighte £400 a bharrachd de thaic gach bliadhna, agus gun cosgadh iad £400m thairis air an ath thrì bliadhna airson dèiligeadh ris an dàil air euslaintich bho bhith a' faighinn a-mach às an ospadal.
Thuirt am partaidh cuideachd gun cuireadh iad casg air fònaichean-làimhe sna sgoiltean.
Gealltanasan eile
Piseach a thoirt air suidheachadh ionmhais na h-Alba a leigeas leotha cìsean a ghearradh san àm ri teachd
Sgeama ionsulaideadh dhachaighean luach £100m agus cumhachd ath-nuadhachail Albannach a chleachdadh airson cunntasan dachaigh a lùghdachadh
Sgeamaichean pìleat airson foghlam stèidhichte air cluich do chloinn suas gu aois seachd
An A9 a dhèanamh dà-fhillte agus tunailean a thogail ann an Sealtainn
Airgead-dìolaidh luach £12m do dh'eileanaich agus choimhearsnachdan cladaich air a bheil troimh-chèile nan aiseagan a' toirt buaidh
Siostam còmhdail bean agus falbh, coltach ri modail Transport for London, do choimhearsnachdan
Barrachd thrèanaichean air an oidhche agus stèiseanan ùra do luchd-siubhail ScotRail
25,000 dachaigh sa chumantas a thogail gach bliadhna
Crathadh a thoirt air a' chìs-chomhairle, air an t-siostam dhealbhachaidh agus air reataichean gnothachais
Cabhag a chur ann an cleachdadh shiostaman teasachaidh a tha nas bàidheile dhan àrainneachd, nam meag pumpaichean teasachaidh agus teasachadh sgìreil
Atharrachadh a thoirt air siostam bhòtaidh na Pàrlamaid Albannaich gu Bhòt Shingilte Ghluasadaich
Bidh an sluagh a' bhòtadh air an 7mh den Chèitean airson 129 buill Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean

- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean

- Air fhoillseachadh7 An Giblean

- Air fhoillseachadh19 Am Màrt
