Rabhadh mu chosgaisean càrboin air seirbheisean adhair eileanach

Itealan Loganair
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar gun cùm Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte seirbheisean adhair eileanach saor o chosgaisean càrboin, agus dragh orra gum fàgar cuid de sheirbheisean mì-sheasmhach.

Bha iad a' freagairt co-chonaltradh mu phlana aig Ùghdarras Sgeama Malairt nan Eimiseanan na cosgaisean sin a chur air seirbheisean adhair eileanach nas fhaide den bhliadhna.

Tha na seirbheisean an-dràsta saor o na cosgaisean, a dh'fheumas companaidhean adhair a phàigheadh mu choinneimh na tha iad a' cosg de chàrbon.

Mar phàirt den sgeama "Casg is Malairt" tha earrann "cuibhreann saor" air dìon a chur air seirbheisean nas lugha, ach tha dùil aig an Ùghdarras cur às dhan sin ro dheireadh 2026.

Thuirt a' Chomhairle gun cuireadh leithid de cheum faraidhean adhair nas àirde na tha iad an-dràsta.

Tha iad ag iarraidh gum bi seirbheisean coimeirsealta eadar na h-eileanan fhèin agus eadar an sgìre agus tìr-mòr saor bho na cosgaisean

Bu chòir, thuirt iad, gum bi co-dhùnadh sam bith cur às dhan riaghailt a chur fo dheuchainn eileanach, a rèir Achd nan Eilean 2018.

Thuirt iad gur e rud gu math eadar-dhealaichte a th' ann a bhith a' dèanamh sin air seirbheis thrang air tìr-mòr a tha prothaideach, seach a dhèanamh air "slighe iomallach a tha a' strì" às no eadar na h-eileanan.

Thog a' Chomhairle air mar a tha an t-Ùghdarras mar thà air seirbheisean aiseig nan eilean uile a shaoradh bho chosgaisean càrboin.

Trending Now