A' chiad cheap geàrrte 'son sgoil ùr an Àth Leathainn

Ceit Fhoirbeis le spaid na làimh agus clann-sgoile timcheall oirre
  • Air fhoillseachadh

Chaidh a' chiad cheap a ghearradh air làrach sgoil ùr an Àth Leathainn an dèidh bhliadhnaichean de dh'iomairt.

'S i Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, agus BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, a gheàrr e aig cuirm Dihaoine.

Cosgaidh an leasachadh £21m le sgoil-àraich, giom, leabharlann phoblach is ionad seirbheis Comhairle na Gàidhealtachd na chois.

Tha airgead a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus bho Phlana In-ionmhas na Gàidhealtachd.

Tha dùil gum bi an obair deiseil as t-samhradh 2027.

Tha pròiseact coimhearsnachd fa leth a' dol air adhart gus goireasan spòrs ùra a stèidheachadh ri taobh na sgoile.

Thuirt cathraiche Comataidh Foghlam Comhairle na Gàidhealtachd, Iain MacFhionnlaigh, gur e "là sònraichte" a bh' ann is gun robh obair mhòr air a bhith ann gus an ìre seo a ruighinn.

Thuirt an Comh MacFhionnlaigh gur e sàr-eisimpleir a th' ann air co-obrachadh eadar an t-ùghdarras ionadail, Riaghaltas na h-Alba, buidhnean coimhearsnachd is pàrantan.

Às dèidh dhi a' chiad cheap a ghearradh thuirt Ceit Fhoirbeis gun robh "i air a dòigh mu dheireadh thall a bhith a' faicinn obair a' tòiseachadh air sgoil ùr san Àth Leathann".

Bha connspaid mhòr mu staid na sgoile fad iomadh bliadhna agus chaidh gearan a dhèanamh air uair is uair.

Chaidh iomagain a thogail mu staid an togalaich cho fada air ais ri 2015 's comhairliche ag ràdh nach robh e freagarrach airson clann a theagasg ann, is pàrantan ag ràdh gun robh e a' toirt buaidh air slàinte nan sgoilearan.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd obair air an togalach às dèidh sin ach bha strì is iomairt a' leantainn airson sgoil ùr fhaighinn, is ceist cò às a thigeadh maoineachadh.

An lùib na sgoile ùire, bidh raon spòrs coimhearsnachd a tha ga leasachadh le Buidheann Campais Choimhearsnachd Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich.

Bidh pàirc phlastaig ann le cothrom iomadh spòrs a chluich oirre.

Thàinig dearbhadh san t-Samhain gun robh an cnap airgid mu dheireadh a bha a dhìth airson an leasachaidh sin a-nise ann an àite.

Bha iomairt air a bhith ann 'son nan goireasan spòrs cuideachd is dragh san sgìre nach robh goireasan idir aig ìre ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Trending Now