Cànan lom, tana, lom

Aonghas Mac'Illinnein
LeTeàrlach Quinnell
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Le mar a bhios tìde a' dol seachad, mothaichidh a h-uile duine againn mar a dh'fhàsas sinn nas sine gu bheil facail a b' àbhaist a bhith, uill àbhaisteach, nach cluinnear tric tuilleadh.

A rèir sgrùdaidh ùir, tha ceathrar anns gach còignear Bhreatannach den bheachd gum bu chòir cuid de dh'fhacail "seann-fhasanta" leithid gobsmacked, bamboozled, chuffed agus tomfoolery a chleachdadh nas trice.

Feumaidh mi fhèin a ràdh gum bi mi tric a' cleachdadh a h-uile gin aca - 's gu bheil iad tric freagarrach air mo shuidheachadh.

Chuirinn ris an liosta sin facail às an sgìre agam fhèin ann an Sussex, leithid beazled (claoidhte), flutter-mouse (ialtag) agus spronk (freumh craoibhe no fiacail). Tha facail mar sin againn uile, nach eil?

Co-fhacail

Ann an cànan coltach ris a' Ghàidhlig ge-tà, 's dòcha gu bheil sinn nas mothachaile air facail a bhith a' sìoladh air falbh.

Mura h-eil facal an cinn daoine òga, tha iad dualtach facail an dàrna cuid a thoirt a-steach bhon Bheurla, no facal ùr a chruthachadh iad fhèin.

Tha sin nàdarra gu leòr. 'S e rud ge-tà, gu bheil facail a bhiodh freagarrach glè thric ann mar thà, ach air dhìochuimhn.

"Cuid de na facail a tha a' dol à bith, ghabhadh iad cleachdadh 's dòcha ann an suidheachaidhean ùra, nam bioste a' cumail sgeul orra," thuirt Aonghas Mac'Illinnein, a bha na thidsear Gàidhlig fad bhliadhnaichean, 's a tha an sàs ann am pròiseact gus facail às an sgìre aige fhèin - Gòbhaig anns na Hearadh - a ghlèidheadh.

"Tha e feumail, can, co-fhacail a bhith agad, gus nach bi a' Ghàidhlig agad tana, lom.

"Mar eisimpleir "bràmair" a chluinneas tu aig a h-uile duine an-diugh - ach tha facail eile mar "leannan" no "carbhaidh" aig a bheil barrachd brìgh no blas.

"Tha e gu math deatamach gun tèid dual-chainnt sgìreil a chumail beò cuideachd, agus tha e nas nàdarraiche a bhith a' cleachdadh nan seann fhacal ma ghabhas e dèanamh," thuirt e.

Loch Tairbeirt an Iar

San t-saoghal a th' ann an-diugh ge-tà, tha a' bheatha anns an deach leithid sin de dh'fhacail a cruthachadh 's a chleachdadh air falbh, no aig glè bheag de dhaoine tuilleadh, 's a' mhòr-chuid air an cùl a chur ri àiteachas no iasgach 's an leithid.

Chan eil sin an-còmhnaidh gu diofar, a rèir Aonghais, ged a tha e ag aontachadh gu bheil sin fìor.

"Tha feadhainn de na facail sin a ghabhadh ath-chuairteachadh," thuirt e.

"Ma tha thu airson 's gum bi tuigse agad air an àm ri teachd, feumaidh tuigse a bhith agad air na chaidh seachad ann an eachdraidh, 's tha e gu math gu math feumail gun tèid am briathrachas a chumail air chuimhne.

"Ma 's e prìomh amas gach buidheann a tha an sàs, gach duine a tha an sàs anns a' Ghàidhlig a bhith a' leudachadh 's ag àbhaisteachadh labhairt na Gàidhlig, tha sinn a' smaoineachadh gur e dòigh mhath a th' ann.

Adag arbhair is corran Tùs an deilbh, TEÀRLACH QUINNELL
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil an saoghal no an cànan an-diugh mar a bha...

Tha cuid de dh'fhacail a tha gu sònraichte air inntinn Aonghais nuair a smaoinicheas e air a leithid.

"'S e dà fhacal a thàinig thugamsa "gorradaireachd", sin cumail sùil fhalachaidh air rudeigin," thuirt e.

"Agus am fear eile 's e "fèileibeanachd" - 's e "biodalais" a chanas iad, tha mi a' creidsinn ann an Leòdhas, ach anns na Hearadh 's e fèileibeanachd.

Cha lorg thu am facal sin ann am faclairean, ach 's e "footering" ag obair air rudeigin agus gun a bhith a' dèanamh cus feum leis."

Ball-coise

Tha seann fhacail den leithid air tighinn am bàrr às ùr co-dhiù, tha Aonghas ag ràdh, le beagan taic bho BBC Radio nan Gàidheal.

"Ach ma smaoinicheas tu air dà fhacal a th' air tighinn am follais a-rithist, 's e "droinneadh" - thòisich Ailig O'Henley a' cleachdadh sin o chionn dhà no trì bhliadhnaichean a thaobh ball-coise," thuirt Aonghas.

"'S fhada, 's fhada nach cualas e ann an iomadh sgìre.

"Ach cha mhòr a h-uile duine a chluinneas tu a' bruidhinn air ball-coise an-diugh nach eil sgioba a' faighinn droinneadh air àm air choireigin?

"Agus Iain Mac a' Phearsain, an-còmhnaidh, thòisich e le "eadar a' chlach 's an sgrath".

Niste, sgrath, ploc, ceap - tha e math a bhith a' cluinntinn co-fhacail mar sin a' tighinn à sgìrean, 's tha daoine eile a' togail orra, 's tha feadhainn a' tighinn air ais dhan dual-chainnt aig daoine."

Iain Mac a' Phearsain
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Mac a' Phearsain - nach eil e fhèin eadar a' chlach is an sgrath idir!

Mar fhear a th' air a' Ghàidhlig ionnsachadh, tha an smuain sin a' còrdadh rium gu mòr.

Nas fheàrr buileach, tha cuid de na facail eile air an tug Aonghas iomradh 's nach cuala mi roimhe.

  • sgruig - bior fiodha a tha a' stopadh an-àirde os cionn beul-mòr bhàta aig gach ceann

  • a bhith "air ghiodraman" - beòthail, an-fhoiseil

  • atharrnaich - talamh a bh' air a thionndadh a' bhliadhna roimhe ach a chaidh fhàgail ann am mì-rian

  • a' chuspach chuileach - craiceann tiugh air d' uilinn

Facail a tha sin nach cuala mi sa Ghàidhlig, agus air nach eil fios agam fiù 's sa Bheurla.

Nach math na rudan cuimhne 's cothrom còmhraidh?

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now