Caisg-astair 20msu gu bhith air an cur air dà rathad ann an Uibhist

Soidhne-rathaid 20msuTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Ma shoirbhicheas leis na deuchainnean bidh caisg-astair mhaireannach ann

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun stèidhich iad caisg-astair 20msu eadar-amail tro Bhaile a' Mhanaich am Beinn na Faoghla agus Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath mar phàirt de ro-innleachd nàiseanta.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson barrachd chaisg-astair 20msu a chur an sàs air feadh Alba ann an sgìrean as motha far a bheil sluagh.

Tha na riaghailtean ag amas air coimhearsnachdan a dhèanamh nas càileire agus na rathaidean a dhèanamh nas sàbhailte don a h-uile duine, luchd-coise is rothaichean nam measg.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh nan casg-astair ann an sgìrean sònraichte airson 18 mìosan a' chiad ghreis.

An-uiridh, stèidhich Coimhairle nan Eilean Siar caisg-astair rè ùine ann an Steòrnabhagh agus Bàgh a' Chaisteil.

Ma shoirbhicheas leis na deuchainnan agus ma tha am poball a' cur taic ris, bidh caisg-astair mhaireannach air an cur an sàs tro Òrdughan Smachdachaidh Trafaig.

Chaidh cur an aghaidh mholaidhean an ùghdarrais ionadail an t-astar ceadaichte an Steòrnabhagh air fad ìsleachadh gu 20msu ann an 2021, ach fo na thathar a' moladh a-nis cha bhi cuingealachadh ach ann an sgìrean comharraichte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now