Bacadh air planaichean aig companaidh Shìonach aig Port Àird nan Saor

Port Àird nan SaorTùs an deilbh, HIE
  • Air fhoillseachadh

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bacadh air planaichean aig companaidh Shìonach a bha an dùil £1.5bn a chosg air crainn-ghaoithe a thogail air a' Ghàidhealtachd.

Bha Ming Yang a' cur romhpa suas ri 1,500 cosnadh a chruthachadh aig Port Àird nan Saor.

Thuirt an riaghaltas, às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air na planaichean, nach urrainn dhaibh taic a chur ri cleachdadh chrann-gaoithe Ming Yang ann an leasachaidhean cumhachd aig muir anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chuireadh iad taic ri in-ionmhas Sìonach, thuirt iad, nuair a tha sin gu maith na dùthcha-sa.

"Cumaidh sinn oirnn le càirdeas le Sìona, co-obrachadh far an urrainn dhuinn, ach gun a bhith aig àm sam bith a' cur tèarainteachd agus seasmhachd ann an cunnart," thuirt fear-labhairt bhon riaghaltas.

Bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air innse san Fhaoilleach gun robh iad faisg air co-dhùnadh a ruighinn air pròiseact Ming Yang.

Thuirt Ministear na Malairt Sir Chris Bryant aig an àm gum feumadh an riaghaltas a bhith cinnteach gun robh am pròiseact "sàbhailte is tèarainte".

Map den sgìre a' sealltainn Àird nan Saor agus Inbhir Nis

Thuirt Ming Yang gun cùm iad orra a' còmhradh ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ach gum fàg an co-dhùnadh seo gum pàigh muinntir Bhreatainn barrachd airson cumhachd airson ùine nas fhaide.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Ceit Fhoirbeis gu bheil tèarainteachd nàiseanta cudromach agus gum bu chòir spèis a shealltainn dhi.

Thuirt i ge-tà gun robh e "duilich" nach robh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air mìneachadh gu dè dìreach a bha air cùl a' cho-dhùnaidh.

"Tha an co-dhùnadh seo air a bhith a' suidhe air deasgaichean mhinistearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fad còrr is 18 mìosan is bidh buaidh mhòr aig an dàil seo.

"'S e sabotais a tha seo air leasachadh gnìomhachail na h-Alba," thuirt i.

Trending Now