Barrachd taice riaghaltais le cosgais ola teasachaidh

Dh'èirich cosgais ola teasachaidh gu mòr agus gu h-obann le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad £5.4m ri stòras do dhaoine tha an eisimeil ola teasachaidh.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Diluain taic-airgid £4.6m do dhaoine ann an Alba, mar phàirt de shuim còrr air £50m air feadh Bhreatainn agus Èirinn a Tuath.
Thàinig seo agus cosgais ola teasachaidh air èirigh gu mòr le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach.
Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd gun cuir iad riaghladh an sàs air margaidh na h-ola teasachaidh, gus dìon a bharrachd a thoirt do luchd-cleachdaidh.
A' bruidhinn aig Holyrood Dimàirt, thuirt Rùnaire na Cumhachd gun tèid £5.4m a chur ris an stòras.
Thuirt Gillian Martin gun tèid an t-airgead a thoirt seachad bho thoiseach a' Ghiblein tron bhuidhinn Comhairle Dìreach Alba.
Thuirt i nach biodh an taic a chaidh a ghealltainn an toiseach air a dhol fada gu leòr is gum biodh luach mu £33 air a bhith ann do gach taigh.
"Tha e cha mhòr air dùblachadh"
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt
Anns an Rìoghachd Aonaichte chan eil an aon dìon air luchd-cleachdaidh ola 's a th' air luchd-cleachdaidh gas agus dealain, gun chuibhreachadh air na prìsean a dh'fhaodas companaidhean a chur air ola.
Tha mòran aig tuath air dragh a thogail mun chùis anns na làithean mu dheireadh is prìsean ag èirigh gu mòr.
Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar aig deireadh na seachdain sa chaidh gun toireadh Riaghaltas na h-Alba seachad taic tro ghrantaichean èiginn, is gum faigheadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fuasgladh maireannach dha prìsean àrda a' chonnaidh anns an sgìre.
'S ann anns na h-Eileanan Siar a tha na h-ìrean as miosa airson bochdainn connaidh anns an Rìoghachd Aonaichte gu lèir.