Am meall na Mas Fhìoraich thu?

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh prògram-geama stiùideo ùr air BBC ALBA an ath-sheachdain sam bi sgiobannan a' farpais an aghaidh a chèile agus sgioba eile aig an taigh.
'S e Niall Iain Dòmhnallach a tha sa chathair air Mas Fhìor, a' chiad turas a chaidh leithid de phrògram a dhèanamh dhan t-seanal Ghàidhlig.
Thig na farpaisich o air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus bidh aca ri tomhas a dhèanamh co-dhiù tha rud a chanas an sgioba eile, agus an ochdnar "Mas Fhìorach" a th' aig an taigh, fìor.
Innsidh na Mas Fhìoraich ròlaistean agus fiosrachadh iongantach, 's iad a' feuchainn ris na farpaisich a mhealladh.
Cò tha ri breugan innse, 's cò nach eil? Sin an co-dhùnadh a dh'fheumas na farpaisich a ruighinn airson duais airgid a thoirt dhachaigh.
Caractairean Iongantach
"Tha Mas Fhìor ann an cruth farpais-cheist a tha spòrsail, air a dhealbhadh gu sònraichte do luchd-amhairc Gàidhlig ach a chòrdas ris a h-uile duine," thuirt Deasaiche Coimiseanaidh aig BBC ALBA, Bill MacLeòid.
"Bidh luchd-amhairc airson a dhol an sàs ann agus a bhith a' cluich còmhla riutha – agus iad a' fàs eòlach air caractaran iongantach air ar pannal cunbhalach de 'Mas Fhìoraich'.
"Le sgioba de shàr-Ghàidheil bho air feadh na dùthcha agus leis a' phreasantair luath-labhairteach, gleusta Niall Iain, is cinnteach gum bi Mas Fhìor na eisimpleir eile de thelebhisean is dibhearsan ùr-ghnàthach à Alba ach a chòrdas ri daoine air feadh an t-saoghail."
Thèid Mas Fhìor a chraoladh air BBC ALBA bho Dhimàirt an 17mh là den Ghearran 2026, le prògraman ùra gach seachdain.