Landward aig 50

- Air fhoillseachadh
A' fàs suas ann an Eilean Leòdhais, àite a tha tric fo bhuaidh na gaoithe, agus a' tighinn bho theaghlach de chroitearan thairis ghinealaichean, dh'ionnsaich mi tràth mu ruitheaman na tìre - an fhoighidinn a tha i ag iarraidh, an toileachas a gheibhear bhuaipe, agus an dàimh dhomhain a chruthaicheas i eadar daoine agus àite.
Tràth sa mhadainn a' dèiligeadh ris na beathaichean, a' buain na mònach airson a' gheamhraidh, no a' faicinn a' cheò a' gluasad thairis air na monaidhean; tha na dòighean-beatha eileanach seo nan leasanan ann an seasmhachd, coimhearsnachd, agus spèis do nàdar.
Fiù 's an-diugh, nuair a thadhlas mi air croit no tuathanas airson clàradh dhan telebhisean, tha mi a' cuimhneachadh air na làithean sin - an aghaidh nan siantan, ag ionnsachadh bhon fhearann, agus a' faighinn a-mach nas urrainnear ionnsachadh bho ar coimhearsnachd mu bheatha fhèin.
'S e an t-eòlas sin a tha mi a' toirt leam dhan dreuchd agam mar phreasantair air Landward, a' cuideachadh le bhith ag innse sgeulachdan le sealladh a tha freumhaichte ann am beatha eileanach.
Tha mi air a' chuid as motha de na deich bliadhna mu dheireadh a chur seachad ag obair air prìomh phrògram cùisean dùthchail a' BhBC.
Tha e a-nise air ceann-bliadhna sònraichte a ruighinn agus tha e fhathast a' comharrachadh nan daoine, nan àitichean agus nan sgeulachdan a tha aig cridhe cruth-tìre agus coimhearsnachdan na h-Alba.

Preasantairean Landward
Air a leasachadh an toiseach bhon phrògram rèidio is telebhisein Farm Forum, chaidh Landward a chraoladh an toiseach air 4 Giblean 1976 bho BhBC Obar Dheathain, far a bheil e fhathast air a dhèanamh an-diugh le BBC Studios.
Air ainmeachadh mar "prògram tuathanachais na h-Alba", mhair a' chiad phrògram 25 mionaidean agus bha e a' gabhail a-steach nithean mu cho-labhairt Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach agus crodh laoighe.
Anns na bliadhnaichean tràth sin, bha e air a chraoladh gach cola-deug feasgar na Sàbaid, agus am prògram gu sgiobalta a' coisinn cliù mar chompanach earbsach do luchd-amhairc air feadh na h-Alba.
Bhon uairsin, tha e air fàs gu bhith na clach-oisinn ann an craoladh roinneil, a' tabhann sealladh dlùth do luchd-amhairc air an dùthaich - bho choimhearsnachdan croitearachd, dòighean ùra àiteachais, is gu glèidhteachas fiadh-bheatha agus dualchas cultarach.
Dhomhsa, tha a bhith a' cur ceum air na tìrean sin - cuid dhiubh air a bheil mi eòlach bho m' òige, cuid eile ùr - coltach ri bhith a' tilleadh dhachaigh.
Tha comhfhurtachd ann a bhith ag aithneachadh sin, agus toileachas ann an sgeulachdan ùra a lorg anns gach ceàrnaidh den dùthaich againn.
Gus a' chlach-mhìle seo a chomharrachadh, tha prògram a' chinn-bhliadhna a' dol a-steach do thasglann beartach Landward.
Chaidh prògraman caillte a lorg agus a chur ann an dreach didseatach le mòran den fhilm nach fhacas airson còrr is 40 bliadhna.

Ross Muir, a' chiad phreasantair a bha air Landward
A' coimhead air na prògraman tràtha seo, chìthear mar a tha an talamh, coimhearsnachdan, agus dùbhlain an dà chuid air atharrachadh agus air maireachdainn.
Tha Dougie Vipond bhon sgioba de phreseantairean san là an-diugh a' coinneachadh ri cuid de sheann sheòid a' phrògraim, nam measg a' chiad phreasantair, Ross Muir, agus an riochdaire ainmeil Arthur Anderson, a leudaich an fharsaingeachd de sgeulachdan a bhathar a' taisbeanadh.
Aig deireadh prògram a' chinn-bhliadhna, bidh mise agus mo cho-phreasantairean a' tighinn còmhla 'son còmhradh air na h-amannan as fheàrr leinn thar nam bliadhnaichean.
Tha e na fhìor thoileachas a bhith ag obair còmhla ri sgioba cho tàlantach agus dìleas.
Tha gàire, càirdeas, agus gu leòr sgeulachdan ri innse an-còmhnaidh, a' cur nar cuimhne carson a tha sinn cho measail air an obair seo.
Thar nam bliadhnaichean, tha Landward air fàs bho a bhith a' coimhead a-mhàin air gnothaichean tuathanachais gu bhith a' dèanamh sgrùdaidh nas fharsainge air beatha air an fhearann.
Bho ath-leasachadh fearainn gu pròiseactan ath-nuadhachail agus fiù 's am pandemic, tha na camarathan air a bhith ann airson amannan atharrachaidh agus seasmhachd a ghlacadh.

Dougie Vipond ann an ath-chruthachadh den stiùideo a bh' aig Landward sa chiad dol a-mach
A-nis, le sreath ùr a' tòiseachadh, tha ginealach ùr de luchd-aithris a' toirt sheallaidhean ùra fhad 's a tha iad a' toirt urram do dhualchas beartach a' phrògraim.
Tha ceangal ga dhèanamh eadar luchd-amhairc agus beatha taobh a-muigh bhailtean fhathast aig cridhe a' phrògraim.
Tha iarrtas a' sìor fhàs airson tuigsinn cò às a tha ar biadh a' tighinn, mar a tha cruthan-tìre air an riaghladh, agus na dùbhlain a tha mu choinneimh ar coimhearsnachdan.
Tha Landward air a bhith an-còmhnaidh a' feuchainn ris a' bheàrn sin a lìonadh.
Ach, tha filmeadh Landward a-muigh air an dùthaich a' tighinn leis na dùbhlain shònraichte aige fhèin.
Bidh mise agus mo cho-phreasantairean, còmhla ris an sgioba agus luchd-riochdachaidh, tric a' dèiligeadh ri aimsir a tha ag atharrachadh gu luath - bho ghrian gu uisge trom, no fiù' s sneachd, ann am beagan uairean a thìde.
Uaireannan, bidh siubhal tro thalamh bhog no a' strì ri gaoth làidir air cnuic fhosgailte a' toirt air ais cuimhneachain air m' òige ann an Leòdhas - ag ionnsachadh mar a leughas tu an aimsir agus mar a bheir thu urram don fhearann.

Chan eil filmeadh an seo daonnan sìmplidh.
Tha mi air cruinneachadh math de dh'aodach-uisge agus bonaidean fhaighinn thar nam bliadhnichean airson dèiligeadh ris an aimsir Albannaich a tha ag atharrachadh an-còmhnaidh!
Às dèidh 50 bliadhna, tha Landward na sheasamh chan ann a-mhàin mar phrògram telebhisein, ach mar rud chultarail - a tha air 50 bliadhna de dh'atharrachadh a chlàradh fhad 's a tha e fhathast a' coimhead air adhart.
'S e an sgeulachd, ann an iomadh dòigh, sgeulachd cruth-tìre na h-Alba: mar a tha sinn beò agus ag obair bhon talamh, agus mar a tha an dàimh sin a' sìor atharrachadh.
Tha mo thuras fhìn bho Leòdhas gu stiùidio a' BhBC a' toirt sealladh sònraichte dhomh, agus tha mi an dòchas gun cuidich e luchd-amhairc a bhith a' faireachdainn nas fhaisge air na sgeulachdan a bhios sinn ag innse gach seachdain.
Chan eil fios dè thig san ath 50 bliadhna, ach tha mi an dòchas gum bi an turas a cheart cho tarraingeach agus brosnachail ris na còig deicheadan a dh'fhalbh.
Co-là breith sona, Landward!
Tòisichidh sreath ùr Landward oidhche Dhiardaoin le prògram sònraichte gus an 50 bliadhna a chomharrachadh. Bidh e ri fhaicinn air BBC Scotland aig 8:30f agus air iPlayer a' BhBC.