"Clachan-mìle cudromach" do leasachadh Chaisteil Inbhir Nis

UinneagTùs an deilbh, HLH / Ewen Weatherspoon
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Uinneag nan Ròs ath-leacachadh mus deach a cur air ais anns a' chaisteal

  • Air fhoillseachadh

Tha an obair airson Caisteal Inbhir Nis a leasachadh mar ghoireas turasachd air clachan-mìle cudromach a ruighinn.

Chaidh crìoch a chur air an obair gus togalach ùr a thogail a tha a' ceangal nan seann togalaichean còmhla.

Agus tha luchd-togail cuideachd air Uinneag nan Ròs, a chaidh ath-leasachadh, a shuidheachadh anns an Tùr a Deas.

Tha High Life Highland, a tha an urra ris a' phròiseact às leth Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e dà cheum chudromach a tha seo anns an obair, 's dùil gun tèid an goireas fhosgladh nas fhaide air a' bhliadhna seo.

Chaidh na planaichean airson an caisteal a leasachadh fhoillseachadh le Comhairle na Gàidhealtachd san Lùnastal 2020.

Tha am pròiseact air taic-airgid luach £30m fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, còmhla ri grunn bhuidhnean eile.

Mullach togalaichTùs an deilbh, HLH / Ewen Weatherspoon
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh maidean-fiodha a chur an sàs anns an togalach-ceangail ùr, còmhla ri uinneagan ann am mullach an togalaich a tha stèidhichte air Bratach na h-Alba.

Thuirt High Life Highland gu bheil an luchd-togail air an togalach-ceangail a dhèanamh dìonach.

Bidh taigh-bìdh anns an togalach seo - an Saltire Bistro - a tha air a stèidheachadh air Bratach na h-Alba.

Agus chaidh ath-leasachadh a dhèanamh air an uinneig eachdraidheil 'Uinneag nan Ròs' le companaidh a tha fìor eòlach air obair shònraichte den t-seòrsa seo.

Tha Uinneag nan Ròs a-nis anns an Tùr a Deas, far am faigh luchd-tadhail fiosrachadh mu deidheinn agus mu sgeulachdan eile mun Ghàidhealtachd.

Thuirt Cathraiche Buidheann Lìbhrigidh Leasachadh Chaisteal Inbhir Nis, Iain MacIlleDhuinn, gun robh iad air an dòigh na clachan-mìle seo a ruighinn.

"Tha deireadh na h-obrach air na h-uinneagan anns an togalach-ceangail agus an ath-leasachadh agus ath-stèidheachadh Uinneag nan Ròs a' sealltainn gu bheil cothromachadh ann eadar dealbhadh adhartach agus urram do dhualchas na Gàdhealtachd.

"Faodaidh luchd-tadhail an àrainneachd ann an Taigh-bìdh Bhratach na h-Alba a ghabhail a-steach, agus iongnadh a ghabhail san obair-leasachaidh àlainn a rinneadh air Uinneag nan Ròs mar phàirt den turas aca tron Tùr a Deas," thuirt e.

Trending Now