Dùil ri co-dhùnadh air plana connspaideach Fàn Eilean

Dealbh den leasachadh a tha san amharcTùs an deilbh, SSEN
  • Air fhoillseachadh

Nì comhairlichean air a' Ghàidhealtachd co-dhùnadh an-diugh mu phlanaichean airson fo-stèisean dealain mòr a thogail faisg air a' Mhanachainn.

Tha aithisg a thèid air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas, taobh a-muigh aig Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gun tèid cead a thoirt seachad 'son an leasachaidh aig SSEN aig Fàn Eilean.

Tha SSEN ag ràdh gu bheil am pròiseact deatamach gus lìonra dealain na Gàidhealtachd a neartachadh agus airson targaidean ath-nuadhachail a choileanadh.

Thigeadh dealan bhon chàball ùr a tha san amharc eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr na h-Alba tron bhun-structar ùr aig Fàn Eilean.

Comhairlichean air turas gu làrach an leasachaidh san Fhaoilleach
Fo-thiotal an deilbh,

Comhairlichean air turas gu làrach an leasachaidh san Fhaoilleach

Tha SSEN ag ràdh cuideachd gun toir am pròiseact spionnadh don eaconamaidh ionadail agus tro cheann a tuath na h-Alba le bhith ag ùrachadh an lìonra dealain, is gu bheil iad air conaltradh poblach mòr, farsaing a dhèanamh.

Ach tha na planaichean air a bhith gu math connspaideach bho thùs is iomairt làidir nan aghaidh aig ìre na coimhearsnachd.

Tha luchd-iomairt a' togail air meud an leasachaidh - còrr air 550 acair fearainn - is mun bhuaidh air rathaidean beaga na sgìre nuair a tha obair a' dol air adhart, a thuilleadh air a' bhuaidh air coltas an àite air a' cheann thall.

Chaidh cha mhòr 2,000 freagairt an aghaidh nam planaichean a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd is sreath de chomhairlean coimhearsnachd ag ràdh nach bu chòir dhaibh a dhol air adhart.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba cuideachd air dragh a thogail mu phlana gus slighe chun an leasachaidh a chur tro Oighreachd Dhùnaidh.

Tha an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean an-diugh ag ràdh gu bheil dùil gun tèid dèiligeadh le dragh Àrainneachd Eachdraidheil Alba le plana gus drochaid ùr a chur an àite na Drochaid Duibh san sgìre.

Tha SSEN ag ràdh gun tog iad an drochaid ùr sin ma thèid leasachadh Fàn Eilean air adhart.

Ged a tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt seachad 'son an leasachaidh, tha iad ag ràdh gum feumar dearbhadh fhaighinn bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba gun tèid an gearan acasan a tharraing, air neo fios a chur gu Ministearan na h-Alba.

Bha còir bho thùs aig comhairlichean tighinn gu co-dhùnadh air tagradh SSEN san Dùbhlachd, ach chaidh dàil air gnothaichean nuair a dh'iarr an Comh Daibhidh Friseal gum faigheadh comhairlichean cothrom tadhal air an làraich.

Bha cnap-starra eile ann ge-tà, is droch shìde a' cur maill air turas nan comhairlichean, rud a dh'fhàg gun robh ceist ann am faigheadh Comhairle na Gàidhealtachd air co-dhùnadh a ruighinn ro cheann-ùine a bh' ann.

Air a' cheann thall fhuair iad ùine a bharrachd gus a dhol dhan làraich agus coinneamh an là an-diugh a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now