Comhairlichean a' tadhal air Fàn Eilean

- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean Gàidhealach gus tadhal an-diugh air làrach leasachaidh chonnspaidich faisg air a' Mhanachainn, an dèidh mar a chaidh ùine a bharrachd a thoirt dhaibh co-dhùnadh air cead-dealbhachaidh dha.
B' fheudar turas ris an robh dùil air an 8mh là den Fhaoilleach a chur dheth ri linn an t-sneachda.
Tha a' chompanaidh chumhachd SSEN ag iarraidh fo-stèisean mòr 400kV a thogail air còrr is 850 àcair de thalamh-àitich aig Fàn Eilean, ri taobh Abhainn na Manachainn, airson dealan à leasachaidhean ath-nuadhachail aig tuath a chur ris a' ghriod nàiseanta 's air falbh gu deas.
Plana SSEN: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil"
- Air fhoillseachadh24 An Giblean 2025
Ceistean ùra mu sgeama Fàn Eilean 's turas chomhairlichean air a chur dheth
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Ceann-là ùr 'son tadhal air Fàn Eilean
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Dh'aontaich iad ùine a bharrachd a thoirt do chomhairlichean ri linn suidheachadh an t-sneachda.
Tha connspaid mhòr sa choimhearsnachd mun phlana.
Tha dùil gun nochd a' chùis air beulaibh comataidh dealbhachaidh a' chinn a deas a--rithist air a' 5mh là den Ghearran.