Cead ga mholadh do thuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach ged a tha 188 tagradh na aghaidh

Bidh comhairlichean a' cnuasachadh air moladh Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich sam biodh naoi crainn
- Air fhoillseachadh
Thathar a' moladh do chomhairlichean GĂ idhealach taic a chur ri plana airson tuath-gaoithe sam biodh naoi crainn an ceann an iar-thuath den Eilean Sgitheanach, a dh'aindeoin agus gu bheil 188 tagradh na aghaidh.
Thèid na planaichean air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath Diciadain.
'S ann air talamh mòintich faisg air an Aodann Bhà n a bhiodh Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich agus bhiodh na crainn faisg air 150m de dh'à irde.
Bhiodh e ann airson 40 bliadhna agus chruthaicheadh e 45MW de dhealan gach bliadhna.
Tha an luchd-leasachaidh Wind 2 ag rà dh gun deach na planaichean ullachadh air dhòigh gus nach toireadh an sgeama buaidh ro mhòr air an à rainneachd.
Rannsachadh poblach ga iarraidh mu leasachaidhean gaoithe san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh11 An t-Iuchar 2023
Plana Ăąr 'son tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh15 An LĂąnastal 2024
Plana Beinn Acadail air a dhiĂąltadh
- Air fhoillseachadh5 An t-Ă’gmhios 2024
Cha d' fhuair Comhairle na GĂ idhealtachd ach seachd tagradh a bha taiceil do phlana Tuath Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich, le 188 na aghaidh.
Nam measg bha Comann Rìoghail Dìon nan Eun a thuirt gum biodh e a' cur iolairean-mara ann an cunnart.
'S e an aon bhuidheann ionadail a tha a' cur na aghaidh Comhairle Coimhearsnachd Sgeitheaboist.
Tha an t-eagal orra gum mill an leasachadh bòidhchead an à ite, gun dèan e cron air an à rainneachd is fiadh-bheatha, agus nach tig mòran obrach na chois.
Tha dragh orra cuideachd mu na tha de leasachaidhean gaoithe a thathas a' moladh san Eilean Sgitheanach san fharsaingeachd agus iad den bheachd gum bu chòir beachdachadh air na tagraidhean uile còmhla.
"'S e an rud ceà rr a dhèanamh"
Thòisich iomairt an aghaidh na tha de phròiseactan a thathas a' moladh air feadh an eilein, agus dragh ann gum faodadh gum bi còrr math is 100 crann ann ma gheibh iad uile cead.
Tha dĂ thuath-gaoithe mar thĂ ann le 30 crainn eatorra.
Thugadh cead do thrì sgeamaichean eile sam bi 24 crainn, agus tha mòran a bharrachd aig diofar ìrean den phròiseas dealbhachaidh.
Dhiubh sin tha còig tuathan eile, le 75 crann uile gu lèir cuid dhiubh cho à rd ri 200m.
Tha Anndra Robinson bho Bhuidheann Fiosrachaidh Thuathan-Gaoithe an Eilein Sgitheanaich ag rà dh gu bheil an t-eilean "aithnichte airson a bhòidhchead agus e a' crochadh air eaconamaidh na turasachd.
"Mar sin, a bhith a' cur sinn ann an cunnart le tuath-gaoithe eile 's e an rud ceà rr a dhèanamh," thuirt e.
Thuirt Wind 2, a' chompanaidh air cĂąl plana Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich:
"Chaidh am pròiseact seo a dhealbh gu faicealach thar grunn bhliadhnaichean le stiùireadh agus fiosrachadh bho Chomhairle na Gà idhealtachd agus Nà darAlba airson dèanamh cinnteach gun toir na planaichean spèis don à ireanachd agus an èic-eòlas ionadail.
"Tha moladh oifigich na Comhairle cead a thoirt dhan phròiseact a' dearbhadh cho mionaideachd agus a tha na planaichean."
Chithear barrachd fiosrachaidh ann am pĂ ipearan Comhairle na GĂ idhealtachd an seo , taobh a-muigh.