Criutha ChalMac an sàs an iomairt fear a thoirt às an uisge far chosta Mhorocco

Sealladh air bàta-teasairginn ChalMac bho dheic an Isle of Islay a' coimhead sìos. Chìthear criutha ChalMac agus an duine air an do rinn iad cobhair. Tùs an deilbh, CALEDONIAN MAC A' BHRIUTHAINN
Fo-thiotal an deilbh,

Chìther an duine air an deach cobhair a dhèanamh bho dheic an Isle of Islay

  • Air fhoillseachadh

Rinn criutha ChalMac, a tha a' toirt aiseag ùr Ìle a dh'Alba às an Tuirc, cobhair air fireannach gan mhothaich iad ann an uisgeachan Mhorocco.

Bha an MV Isle of Islay san sgìre an dèidh mar a b' fheudar dhi falbh às a' chidhe ann an Gibraltar agus e ro chunnartach dhi a bhith ceangailte ris air sgàth na sìde stoirmeil.

Nuair a chunnaic iad an duine sa mhuir chuir iad am bàta-teasairginn luath air bhog agus ràinig iad far an robh an duine taobh a-staigh beagan mhionaidean

Thug iad cùram don fhireannach airson grunn làithean air bòrd an aiseig mus deach a thoirt do na h-ùghdarrasan ann am Morocco.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le Caledonian MacBrayne

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le Caledonian MacBrayne

Thuirt Stiùiriche Cabhlach ChalMac, Louis de Wolff: "Tha criuthaichean ChalMac air an deagh thrèanadh ann a bhith ag obair gun dàil agus a dhol an sàs ann an iomairtean cobhair aig muir, gu math tric a' cumail taice le na maoir-chladaich ann an uisgeachan Albannach.

"Cha robh càil a dhùil aig duine againn gum biodh an MV Isle of Islay an sàs ann an iomairt chobhair cho luath às dèidh dhi a bhith air a toirt seachad, ach 's e dearbhadh air cho proifeasanta 's a tha an criutha againn gun deach an duine a shàbhaladh bhon mhuir chunnartach taobh a-staigh beagan mhionaidean."

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 3, Bàta-teasairginn ChalMac a' dèanamh cobhair air fear an uisgeachan Mhorocco, Tha cola-deug de shìde stoirmeil air a bhith aca sa Mhuir Mheadhanaich

Tha an MV Isle of Islay air a slighe a dh'Alba às an Tuirc far an deach a togail.

Thuirt Mgr de Wolff: "Tha sinn a' toirt an t-soithich dhachaigh air a' gheamhradh, nuair a tha am muir agus an aimsir sa Mhuir Mheadhanaich agus sa Chuan Siar a Tuath as cunnartaiche.

"Dh'fhàg sreath stoirmean san Rubha Ibèireach sa chola-deug a dh'fhalbh an suidheachadh na bu dùbhlanaiche."

Tha a' ghaoth mhòr le uspagan suas ri 50 mìle mara san uair air fàgail gum b' fheudar don Isle of Islay fasgadh a ghabhail far chosta sear Mhorocco mus deach i a-steach gu port Almeria air an deireadh-sheachdain.

Fanaidh an soitheach ann an sin gu nas fhaide den t-seachdain agus dùil gun tig piseach air an t-sìde a leigeas leatha seòladh gu A Coruña an ceann a tuath na Spàinne.

Nì i an uair sin air Bàgh Bhiscay mus ruig i uisgeachan na Rìoghachd Aonaichte nuair a tha an t-sìde fàbharach.

Trending Now