"Cha robh Seachdain na Gàidhlig riamh nas cudromaiche no nas eadar-nàiseanta"

Cleachd i no caill iTùs an deilbh, Seachdain na Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Tha an fheadhainn a tha air cùl Seachdain na Gàidhlig ag ràdh gu bheil e air fàs nas eadar-nàiseanta na bha e riamh is an tachartas a-nise a' teannadh dlùth.

Tòisichidh Seachdain na Gàidhlig ann am beagan is cola-deug is e gu bhith ann eadar an 23mh là den Ghearran agus an 1mh là den Mhàrt.

'S e seo an còigeamh turas a bhios an t-seachdain shònraichte ann.

'S e an tèama am-bliadhna "Cleachd i no caill i".

Bheir e luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh an t-saoghail còmhla, le feadhainn cho fada o Alba ri Astràilia gu bhith a' gabhail pàirt.

Thèid cruinneachadh air-loidhne a chumail do Ghàidheil ann an Astràilia, agus bidh bùth-obrach air-loidhne ann an dannsa-ceum ann fo stiùir an dannsair Albannaich Sophie Stephenson, a bhios fosgailte do dhaoine anns gach ceàrnaidh.

Diardaoin an 26mh là den Ghearran, bidh Là Abairt na Gàidhlig ann, far a bheil daoine gam brosnachadh an abairt Ghàidhlig as fheàrr leotha a roinn air na meadhanan-sòisealta.

Bidh gu leòr a' dol ann an Lunnainn, agus Còisir Ghàidhlig a' bhaile a' cumail cluba cèilidh ann an Camden, agus seirbheis eaglais Ghàidhlig ann an Covent Garden.

Am measg na bhios a' tachairt ann an Alba fhèin bidh Màiri NicGilleBhrath a' gabhail òran sa Ghàidhlig aig an Living Lore ann an Eanstair ann am Fìobha.

Bidh tachartas sgeualchdan ga chumail ann an Dùn Èideann, le Caroline NicGilleMhìcheil, agus oidhche bhàrdachd is sgeulachdan le Donnchadh MacCàba ann an Dùn Dè.

Aig tachartas na bliadhna an-uiridh ghabh 40,000 duine air feadh an t-saoghail pàirt ann an 170 tachartas.

"Cha robh Seachdain na Gàidhlig a-riamh nas cudromaiche no nas eadar-nàiseanta leis gur e 2026 a' chiad turas a bhios i againn an dèidh dhan Ghàidhlig inbhe cànain oifigeil fhaighinn ann an Alba," thuirt Ceannard Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop.

"Bidh na ceudan de thachartasan a' dol, aghaidh ri aghaidh agus air loidhne, a' toirt iomadh cothrom do choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh an t-saoghail ceanglaichean a dhèanamh is an cànan a chomharradh.

"Mar a thig fèis mhòr na bliadhna nas fhaisge, chì sinn gu bheil spèis gun chrìoch aig daoine, eadar bailtean mòra agus clachain bheaga, dhan Ghàidhlig."

Gheibhear liosta shlàn de thachartasan Seachdain na Gàidhlig an seo, taobh a-muigh.

Trending Now