"Iomagain mhòr" air ceannard CnES mu Stòras Uibhist

- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gu bheil "iomagain mhòr" air mun troimh-chèile a tha a' cuairteachadh Stòras Uibhist is gum bu chòir dha buill na buidhne tighinn còmhla gus fuasgladh fhaighinn.
Tha an t-ùghdarras ionadail air a dhol an sàs sa chonnspaid gu poblach 'son a' chiad uair is Pòl Steele ag ràdh gu bheil comhairlichean ionadail deònach coinneachadh ri buill Stòras feuch taic a thoirt seachad.
Aig an dearbh àm tha bòrd Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant an uachdarain choimhearsnachd - ag ràdh a-nise gun dèan iad sgrùdadh a bheil iarrtas 'son coinneimh èiginn le baileat dìomhair na chois laghail is coileanta.
Bha cathraiche eadar-amail Sealladh na Beinne Mòire air innse dha BBC Naidheachdan sa chiad dol a-mach nach gabhadh iad ris an iarrtas.
Thàinig an gluasad bho Chumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè de na companaidhean a tha fo Shealladh na Beinne Mòire.
Bha seo na shamhla a-rithist air na sgaraidhean mòra ann eadar dà champa de stiùirichean taobh a-staigh na buidhne gu lèir.
Air aon taobh tha triùir stiùirichean a tha air a' mhòr-chuid air bòrd Sealladh na Beinne Mòire, agus air an taobh eile tha dithis stiùirichean eile le taic bho fheadhainn aig àrd-ìre sa sgioba cheannais ann an oifis Stòras.
Àrd-Oifigear ùr air Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain 2025
Àrd-Oifigear ùr Stòras Uibhist air co-dhùnadh gun an dreuchd a ghabhail
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain 2025
Riaghladh uachdaran coimhearsnachd Uibhist "dìreach uabhasach"
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2025
Tha smachd aig an dàrna campa air SURE agus cuideachd air làrach-lìn agus meadhanan-sòisealta Stòras, is teachdaireachdan air tighinn bhuapa tro SURE anns na seachdainean mu dheireadh.
'S ann san dòigh sin Dimàirt a thàinig iarrtas ùr gun rachadh EGM a chumail de Shealladh na Beinne Mòire - ach gur e baileat dìomhair tron phost a bhiodh ann.
Sa bhrath, thuirt iad gu bheil a' bhuidheann aig crois-rathaid is fianais ann air burraidheachd, a bharrachd air gun deach àrachas 'son an tuath-gaoithe coimhearsnachd a chall.
Dh'iarr SURE gun seasadh an còignear stiùirichean a th' ann sìos is gum biodh bòrd-eadar-email air a stèidheachadh gus cùisean a ruith san ùine ghoirid.
Thuirt iad gur e cothrom a bhiodh ann son "gluasad gu luath gus a' bhuidheann choimhearsnachd a chur air ais air bun-stèidh chinnteach".
Thuirt iad gu bheil ainmean gu leòr aca mar-thà 'son EGM is gum feum bòrd Sealladh na Beinne Mòire baileat a chur air dòigh.

Structar Sealladh na Beinne Mòire
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan oidhche Mhàirt, thuirt cathraiche eadar-amail Sealladh na Beinne Mòire, Raghnall MacCoinnich, nach b'urrainn dhan bhòrd gabhail ris an iarrtas bho SURE.
Thuirt Mgr MacCoinnich nach robh am bòrd-stiùiridh air fianais sam bith fhaicinn gu bheil taic gu leòr ann airson a' ghluasaid, is a thuilleadh air sin nach robh e den bheachd gur e iarrtas laghail a bh' ann. Thuirt e gum biodh iad a' sireadh soillearachaidh air laghalachd a' ghnothaich.
Ann am brath ùr madainn Diciadain bhon bhòrd ge-tà, thuirt iad gun dèan iad sgrùdadh a bheil an an t-iarrtas 'son EGM laghail, a bheil an gluasad do bhuill coileanta, is a bheil ainmean gu leòr air a chùlaibh.
Ma thachras sin uile, thuirt iad gun coinnich bòrd Sealladh na Beinne Mòire ris an fheadhainn a chuir an t-iarrtas air adhart gus EMG a chur air dòigh, le dùil coinneamh phoblach a bhith ann is luchd-obrach neo-eisimeileach air am fastadh gus am pròiseas a ruith.
A thuilleadh air sin tha am bòrd cuideachd a' moladh gun tèid bòrd neo-eisimeileach a stèidheachadh san ùine-ghoirid airson na buidhne gu lèir.
Bhiodh uallach air a' bhòrd seo, thuirt iad, gus molaidhean a thoirt air adhart a thaobh structar na buidhne a leasachadh is a dhèanamh nas proifeiseanta, air thoiseach air bhòt gus stiùirichean ùra a thaghadh.
Thuirt am bòrd sa bhrath ùr gum biodh seo "a' seachnadh gluasad 'son EGM nach eil a' tabhainn mòran fhreagairtean agus bhiodh e a' ciallachadh nach biodh buaireadh ann aig ìre bhùird anns na bliadhnaichean ri thighinn".
Crathadh
Bha Mgr MacCoinnich mar-tha air innse dha BBC Naidheachdan gu bheil e fhèin is an dithis stiùirichean eile a tha sa mhòr-chuid air bòrd Sealladh na Beinne Mòire den bheachd gum feum crathadh bunaiteach a thoirt air structar riaghlaidh na buidhne.
Tha iad ag ràdh gur e an duiligheadas bunaiteach a tha aig Stòras gun deach an structar a stèidheachadh bho thùs air an t-seann uachdaran phrìobhaiteach is grunn chompanaidhean na chois.
'S e sin as coireach, thuirt e, gu bheil suidheachaidhean mar a th' ann an-dràsta air an ìre seo a ruighinn.
Mhol an triùir crathadh a thoirt air an structar riaghlaidh is gum biodh cuid de stiùirichean ann le eòlas proifeasanta ann an saoghal an ionmhais is a bhiodh air am pàigheadh.
Thuirt an triùir nach biodh iad fhèin idir a' sireadh obraichean mar stiùirichean pàighte.
Briseadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd aig Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2025
Eòlaiche corporra ag obair aig Stòras Uibhist is iarrtas 'son EGM
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2025
Cunntasan Sealladh na Beinne Mòire air dheireadh
- Air fhoillseachadh12 Am Faoilleach
Tha an troimhe-chèile ùr seo a' tighinn is connspaid mhòr air bualadh air an uachdaran choimhearsnachd anns na mìosan mu dheireadh.
Nochd e san t-Samhain gun robh aithisg bhon bhuidhinn Mentor aig Banca Rìoghail na h-Alba air co-dhùnadh gun robh riaghladh Sealladh na Beinne Mòire "dìreach uabhasach" is gun robh buaireadh aig ìre bùird air cron nach gabhadh tomhas a dhèanamh air an cliù.
Goirid às dèidh sin thog aithisg eile air bristeadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd Sealladh na Beinne Mòire.
Ron sin bha a' chompanaidh air innse gum biodh seann àrd-oifigear a' tilleadh gu h-eadar-amail gus "ceannas agus seasmhachd" a thoirt dhaibh, mus an do cho-dhùin Huw Francis nach gabhadh e an obair.
Faisg air deireadh na bliadhna chaidh Tom MacIllinnein a thoirt a-steach le bòrd Sealladh na Beinne Mòire mar neach-comhairliche le cumhachdan riaghlaidh.