Taigh-òsta ainmeil an Earra-Ghàidheal ann an rianachd

Taigh-òsta an GeorgeTùs an deilbh, Begbie Traynor
  • Air fhoillseachadh

Chaidh taigh-òsta ainmeil ann an Earra-Ghàidheal a tha air a bhith leis an aon teaghlach 'son 165 bliadhna ann an rianachd.

Tha 60 obair ann an cunnart aig Taigh-òsta an George ann an Inbhir Aora.

Tha an teaghlach Clark air a bhith a' ruith an taigh-òsta taobh Loch Fìne fad seachd ginealaichean.

Chaidh an taigh-òsta a chur air a' mhargaidh an-uiridh.

Thuirt an luchd-rianachd Begbie Traynor gu bheil an George air a bhith ann an staing le "fiachan eachdraidheil".

Tha iad ag ràdh gun lean obair an taigh-òsta mar as àbhaist fhad 's a tha iad a' feuchainn ris a reic.

"Tha an taigh-òsta air a bhith san teaghlach bho chionn fhada agus 's e am prìomhachas aca dìon a chur air 60 dreuchd làn-ùine is pàirt-ùine," thuirt Tòmas MacAoidh bho Begbie Traynor.

"Tha eachdraidh iongantach aig an taigh-òsta is tha e air a shuidheachadh ann an àite brèagha.

"Tha an luchd-obrach air a bhith air leth is tha sinn uile ag obair gus am fuasgladh as fheàrr a ghabhas a lorg," thuirt e.

Tha an George a' tarraing muinntir an àite agus luchd-turais is ceanglaichean fada ann cuideachd le coimhearsnachd na h-iomain.

Trending Now