Drònaichean a' lìbhrigeadh a' phuist ann an Arcaibh

Bhana a' phuist le dròn san adharTùs an deilbh, Am Post Rìoghail
  • Air fhoillseachadh

'S e Arcaibh a' chiad sgìre san Rìoghachd Aonaichte far am bi am post air a lìbhrigeadh gu cunbhalach le dròn.

Chuir am Post Rìoghail an t-seirbheis air a bheil Orkney I-Port air dòigh còmhla ris a' chompanaidh dròn Skyports airson litrichean agus parsailean a chur agus a thogail eadar na h-eileanan.

Bidh na drònaichean a' giùlain a' phuist eadar Stromness agus eileanan Graemsay agus Hoy far an tèid a lìbhrigeadh le postaichean ionadail.

Bidh an t-seirbheis a' dol airson trì mìosan a' chiad ghreis, ach dh'fhaodadh gun tèid i na seirbheis stèidhichte fo na riaghailtean a th' ann leis cho faisg 's a tha na h-eileanan air a' chèile.

Tha dùil gun toir an t-seirbheis dròn piseach mòr air an t-seirbheis a bhios muinntir Graemsay agus Hoy a' faighinn agus an cruth-tìre agus an t-sìde tric a' toirt buaidh oirre.

Bidh e cuideachd nas sàbhailte drònaichean a chleachdadh airson post a ghiùlain eadar na h-eileanan leis nach bi cunnart do luchd-obrach a' phuist an cois a bhith a' lìbhreagadh eadar na puirt.

Trending Now