Bancaichean a' dùnadh an Inbhir Nis

RBSTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Dùinidh dà mheur aig Banca Rìoghail na h-Alba ann an Inbhir Nis am measg 18 bancaichean a bhios a' dùnadh aca air feadh na h-Alba.

Thèid 105 cosnadh a chall.

'S e prìomh oifis RBS ann an Inbhir Nis air Rathad a' Chala ann an sgìre an Longman agus am meur ann an ionad an Eastgate a bhios a' dùnadh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Thuirt RBS nach eil na h-uimhir de dhaoine a' cleachdadh nam meuran is gluasad mòr air feadh a' ghnìomhachais gu bancaireachd air-loidhne.

Dh'innis iad ge-tà, gun tèid meur mòr ùr £2.5m a stèidheachadh ann an Ionad an Eastgate fhathast.

Dùinidh na meuran a th' ann san t-Sultain.

Thuirt an t-aonadh Unite gur e buille mhòr a tha san naidheachd dhan luchd-obrach agus do choimhearsnachdan.

Trending Now