Cosnaidhean a' falbh is companaidh togail-bhàtaichean an Steòrnabhagh an rianachd

'S ann an Eilean na Gobhail an cala Steòrnabhaigh a bha Coastal Workboats Scotland stèidhichte
- Air fhoillseachadh
Chaill còignear an cosnadh an dèidh don chompanaidh Coastal Workboats Scotland Earranta ann an Steòrnabhagh a dhol ann an rianachd.
Thòisich togail-shoithichean às ùr sa bhaile an dèidh don chompanaidh cùmhnant aontachadh eadar iad agus Ùghdarras Port Steòrnabhaigh ann an 2023.
Ghluais iad an obair-togail aca bho Shasainn gu gàrradh an Eilean na Gobhail.
Thuirt an luchd-rianachd FRP Advisory nach eil e comasach a' chompanaidh a reic mar ghnothachas is gu bheil am fòcas air luach tasgaidh a shaoradh 'son a roinn le luchd-creideis thaghte.
Nuair a chaidh FRP Advisory fhastadh mar luchd-rianachd bha còignear ag obair aig Coastal Workboats is bha obair a' leantainn air còig bàtaichean.
Dhearbh an luchd-rianachd Dihaoine gun do chaill an còignear an cosnadh nuair a chaidh a' chompanaidh ann an rianachd.
Thuirt neach-labhairt Port Steòrnabhaigh: "Tha fios aig a' Phort gu bheil an teanant againn, Coastal Workboats Ltd, air a dhol ann an rianachd, agus tha sinn ag obair còmhla ris an luchd-rianachd."
Fhuair a' chompanaidh £6.2m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bàta-obrach eadar-eilean dealain a thogail.
Fhuair iad cuideachd maoineachadh luach £167,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) airson uidheamachd tàthaidh robotaireach a cheannach.
"Am fuasgladh as fheàrr do mhaoineachadh phoblach"
Thuirt neach-labhairt HIE: "Tha sinn mothachail don t-suidheachadh aig Coastal Workboats agus tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth leis a' chompanaidh a thaobh na tha an dàn dhaibh.
"Tha sinn cuideachd ag obair còmhla ris an luchd-rianachd airson 's gum faighear am fuasgladh as fheàrr do mhaoineachadh phoblach.
"Tha na còmhraidhean sin a' leantainn, agus chan urrainn dhuinn an còrr a ràdh gus am bi fiosrachadh nas mionaidich ann."
Thuirt neach-labhairt, Innovate UK aig Riaghlaltas na Rìoghachd Aonaichte: "Tha Innovate UK na stiùbhard cùramch de mhaoineachadh phoblach. Tha ùr-ghnàthachas dualtach cunnartan a bha na chois, agus faodaidh teicneòlas, margaidhean agus gnothachasan ùra fàilligeadh.
"Gabhaidh sinn na ceumannan cùramach a tha a dhìth sa chùis seo."
A rèir phàipearan, tha grunn chompanaidhean ionadail am measg an luchd-creideis.