Togail shoithichean an Steòrnabhagh son a’ chiad uair ann an 100 bliadhna

- Air fhoillseachadh
Dh’innis Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh gun deach aonta fad 10 bliadhna a ruiginn leis a' bhuidhinn Coastal Workboats gus soithichean a thogail aig Eilean na Gobhail.
Seo a’ chiad turas a tha cùmhnant air a bhith aig buidhinn gus eathraichean a thogail ann an Steòrnabhagh airson còrr is 100 bliadhna.
Bidh Coastal Workboats, a tha stèidhichte ann an Devon, a' gluasad an obair-togail aca a Leòdhas, agus iad ag obair air grunn sheòrsa shoithichean, nam measg feadhainn air an dealbhachadh don chompanaidh Dhùitseach chliùitich, Damen.
Bithear an toiseach a' togail soitheach-obrach eileagtronaigeach, a chaidh a mhaoineachadh le tabhartas luach £6.2m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Cha deach soitheach mòr a thogail an Steòrnabhagh airson còrr is 100 bliadhna
Tha dùil gun tèid 25 cosnadh ùr a chruthachadh agus thathas den bheachd gun tèid tòiseachadh air na pròiseactan ùra ro dheireadh na bliadhna.
Thuirt Ailig MacLeòid, Àrd-oifigear Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh: “Tha sinn air bhioran gus tòiseachadh air an t-slighe seo còmhla ri Coastal Workboats.
“Tha an com-pàirteachais seo a’ sealltainn gu bheil sinn airson fàs agus ath-nuadhachadh a thoirt air gnìomhachas na mara.
“Tha an goireas aig Eilean na Gobhail aig fìor àrd ìre, le cruinn air an dealbhachadh a dh'aona-ghnothaich airson soithichean a thogail.
“Tha an t-aonta cuideachd a’ ciallachadh gu bheil buidheann-togail do shoithichean gu bhith ann an Steòrnabhagh airson a’ chiad turas ann an 100 bliadhna, agus tha sinn moiteil gun do chluich sinn pàirt ann a bhith a’ tilleadh a' ghnìomhachais seo chun an eilein.”

Thuirt stiùiriche Coastal Workboats, Brian Pogson: “Mar chompanaidh a tha air a’ ruith le teaghlach, tha sinn moiteal gun deach Coastal Workboats a thogail air bun-stèidh de choimhearsnachd.
“Le sin, tha sinn air ar dòigh na prionnsabalan sin de theaghlach agus càirdeas a’ thoirt leinn a Steòrnabhagh.”
A bharrachd air na cosnaidhean ùra a thèid a chruthachadh, tha dùil cuideachd gun obraich Coastal Workboats le Colaiste a' Chaisteil gus cùrsaichean a chur air dòigh, le dòchas gun faigh òigridh sealladh air na diofar sheòrsa obraichean a tha rim faighinn san roinn.