Chan eil gin de na fir a shĂ bhail bhon Iolaire beò, âs mar a tha na bliadhnaichean a' dol seachad tha an Ă ireamh de luchd-fianais aig a bheil cuimhne air a' chreach a' lughdachadh gu mòr.
Ri linn sin, bidh a' chreach dha-rĂŹribh na pĂ irt de dh'eachdraidh Leòdhais âs na Hearadh.
Tha ceistean fhathast rim freagairt. Dè a chaidh ceà rr? Tha fios nach do lean i a' chÚrsa à bhaisteach gu cidhe Steòrnabhaigh, ach carson?

Pà rantan Mhòr NicLeòid à BrÚ
Cha b' i seo a' chiad shoitheach leis an ainm Iolaire a bh' ann an Steòrnabhagh rè bliadhnaichean a' chogaidh. Anns an Dà mhair, 1918, ghabh an Amalthaea à ite a' chiad Iolaire, gheat a bha tòrr na bu mhotha. "One speculates whether those at the Admiralty who decanted nearly 500 sailors from the special trains at Kyle of Lochalsh of New Year's Eve, 1918, thought that the larger vessel was still based in Stornoway?" The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988
An dèidh dhan Iolaire a dhol fodha, mhol an Admiralty gun deigheadh Naval Court of Inquiry a chumail. Chaidh an rannsachadh seo a chumail air 8mh Faoilleach 1919, ach bha na pà ipearan mu thimcheall na cÚise glaiste bho dhaoine airson faisg air 50 bliadhna a rèir an lagha.
Nuair a chaidh am foillseachadh, cha robh freagairtean iongantach sam bith annta:
"There is no evidence to explain how the accident occurred as none of the officers on boards, or the helmsman or the lookouts who were on deck at the time, are among the survivors. No opinion can be given as to whether blame is attributable to anyone in the matter." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988
Bha muinntir nan eilean searbh nuair a chualas gu robhas an dÚil an long-bhriste a reic dÏreach 15 là an dèidh na creiche. Aig an à m sin, bha 88 duine nach robh air a lorg fhathast. Bha cion-faireachdainn mar seo a' toirt orra a bhith a' smaoineachadh nach robh diÚ sam bith aig na h-Úghdarrasan do na fir a bh' air a bhith a' cogadh às leth na rÏoghachd.
Dh'òrdaich Comhairle Bhaile Steòrnabhaigh gun deigheadh rannsachadh poblach a chumail cuideachd, âs ghabh sin Ă ite air 10mh Gearran 1919.
Ged a bha e soilleir nach robh e comasach cuideachadh a thoirt dhan Iolaire bho thaobh na mara, thĂ inig e am follais san rannsachadh-poblach nach gabhadh a' mhòrchuid de chriutha a' bhĂ ta-teasairginn a dhĂšsgadh. Cuideachd, cha robh each ri fhaotainn gus an uidheamachd teasairginn a shlaodadh, âs mar sin b' fheudar 19 duine a ghiĂšlain a dh'ionnsaigh Biastan Thuilm.
Chaidh mòran de ne h-aon dhaoine a ghairm gus fianais a thoirt seachad anns na rannsachaidhean, âs a rèir coltais, b' e Caiptean Camshron, sgiobair an Sheila, aon den luchd-fianais Ăšr a chaidh a cheasnachadh. Dh'inns esan:
"I saw the Iolaire leave in the evening in good order, In my opinion she was handled in a thoroughly seamanlike fashion. All the officers and men of the Iolaire whom I saw were perfectly sober." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988
Bha fathannan air a bhith a' dol timcheall gu robh buaidh aig deoch là idir air na thachair, ach chaidh an luchd-fianais air fad às à icheadh seo. Bha na seòladairean air a bhith fo riaghailtean teann na nèibhidh bhon uair a dh'fhà g iad ceann a deas Shasainn gus an deach iad air bòrd na h-Iolaire.
Cho-dhÚin diÚraidh an rannsachaidh phoblaich nach robh na h-oifigearan air bòrd an Iolaire air a bhith faiceallach gu leòr; gu robh cus astair aice san droch thÏde, agus nach robh neach-faire freagarrach air a bhith air an drochaid aig an à m a bhuail i air na Biastan.
Thug iad comhairle gum bu chòir solas Úr a chur air taobh Thuilm de chidhe Steòrnabhaigh. Mhol iad cuideachd gum bu chòir do dh' uidheamachd sà bhalaidh sam bith a bhith furasta a ghiÚlain aig à m sam bith, agus gum bu chòir don Riaghaltas goireasan siubhail iomchaidh a chur air dòigh do luchd-seirbheis san à m ri teachd.

Clach-chinn
An robh Commandair Mason air a bhith neo-chĂšramach a' leigeil uimhir de dh'fhir air an Iolaire âs gun uidheamachd sĂ bhalaidh gu leòr air bòrd? No an robh esan a' leantainn òrduighean bho cheannardan? No an robh e airson na fir a chuideachadh gus faighinn dhachaigh gu an teaghlaichean?
Cha bhi freagairt air na ceistean sin a-chaoidh, ach tha fios le cinnt gun deach cus dhaoine a chur air bòrd anns a' chiad dol a-mach. Thuirt Siorraidh Mac an Tòisich, âs e a' toirt geĂ rr-chunntas air na thachair aig an rannsachadh phoblach: "This dreadful event in the history of the Isle of Lewis will remain forever an enigma of the sea." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988
Cha b' ann tro fhacail choibhneil a-mhà in a-nochd co-fhaireachdainn dhaoine, oir chaidh maoin a stèidheachadh gus airgead a chruinneachadh do theaghlaichean a chaidh fhà gail gun neach-cosnaidh.
"This will be no compensation whatever for the loss of loved ones, but it will at least show that the sympathy is more tangible than a merely conventional sentiment." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988
Thug dol fodha na h-Iolaire buaidh air beatha gach fear a fhuair dhith sĂ bhailte. Cha robh fear seach fir dhiubh airson bruidhinn mu na thachair oir bha na cuimhneachain cho goirt. Ged nach robh e reusanta, bhathas a' faireachdainn ciontach gun d'fhuair iadsan dhachaigh slĂ n.
Ged a bha Iain Fionnlagh MacLeòid, âan Mhurdo, na ghaisgeach don fheadhainn a chaidh air an ròpa, cha chuala a mhac Iain Murchadh athair a' bruidhinn air an oidhch' ud gus an do thòisich an dĂ rna cogadh.
Cha do thill âan Mhurdo gu Biastan Thuilm airson 46 bliadhna. Aig aois 77, còmhla ri Iain Murchadh agus Iain Moireach, a' chiad fhear a chaidh a shĂ bhaladh air an ròpa, thill e thuca. B' ann an sin a bhruidhinn e air a' chreach airson an dĂ rna turas. âS ann mun Ă m sin a sgrĂŹobh Iain Murchadh cunntas de na briathran aige ann an leabhar-lĂ .
Mu 40 bliadhna an dèidh dhan Iolaire a dhol air na Biastan, chlĂ r Fred MacAmhlaigh dhan BhBC sreath de dh' agallamhan GĂ idhlig a tha fhathast nam prĂŹomh fhianaisean air na thachair dhan Iolaire. Bha esan lĂ idir dhen bheachd gu robh an t-Ă m ann an sgeulachd innse leothasan a shĂ bhail aiste, âs gum biodh an cunntasan maireannach.
Ged a bha âan Mhurdo iomagaineach mu bhith a' dĂšsgadh seann smuaintean agus faireachdainnean, thug Fred an sgeulachd iongantach aige-san, am measg iomadach duine eile, am follais.
Bha cuimhne shònraichte aig Fred air an agallamh a chlà ir e le Dòmhnall "Am Patch" Moireasdan, à Nis.
"He had not been very well when I visited him and he sat by the fire with his coat on. As he spoke, the knuckles were absolutely white. There was a very bead of sweat on his forehead. The man was living the whole thing, as on the day it happened." The Loss of the Iolaire: A Very Private Tragedy le Brain Wilson, West Highland Free Press, 30th December 1993
Tha carragh-cuimhne do na fir a chaochail air an Iolaire ri fhaicinn an cois a' chladaich ann an Tolm, os cionn na mara far an deach am bĂ ta fodha. Tha na briathran a leanas air a' charragh-cuimhne:
ERECTED BY
THE PEOPLE OF LEWIS AND FRIENDS
IN GRATEFUL MEMORY OF THE
BRAVE MEN OF THE ROYAL NAVY
WHO LOST THEIR LIVES
IN THE "IOLAIRE" DISASTER AT THE
BEASTS OF HOLM
ON THE 1st OF JANUARY 1919
OF THE 205 PERSONS LOST,
175 WERE NATIVES OF THE ISLAND
AND FOR THEM AND THEIR COMRADES
LEWIS STILL MOURNS.
WITH GRATITUDE FOR THEIR SERVICE
AND IN SORROW FOR THEIR LOSS.
"DO CHEUMA THA SAN DOIMHNEACHD MHĂIR,
DO SHLIGHE THA SA CHUAN.
ACH LUIRG DO CHOS CHAN AITHNICH SINN,
THA SIUD AM FOLACH UAINN"
SAILM LXXVII, 19
Gus an lĂ an-diugh, tha sgoiltean air feadh Leòdhais âs na Hearadh fhathast a' dèanamh phròiseactan mun Iolaire, a' toirt cothrom do chlann-sgoile ionnsachadh mun chreach.
Tha samhlaidhean cogaidh, mar an acair, an-diugh ri fhaicinn ann an iomadach cladh air feadh nan eilean. Ann an Nis, chithear an teachdaireachd "Boatbuilders of Ness" air clach-chinn Iain F. MhicLeòid. Mu fhichead meatair air falbh, tha Dòmhnall "Am Patch" Moireasdan na laighe ri taobh a bhrĂ thar Aonghas, a bha a' feitheamh iomadach bliadhna roimhe âs an teachdaireachd "Gus an coinnich sinn a-rithist" air a' chlach-cinn.

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

Gasaet Steòrnabhaigh

Crann na h-Iolaire

Iain F MacLeòid is Dòmhnall Moireasdan

Carragh-cuimhne na h-Iolaire
A' Bhuaidh
Faic agus èist ri cunntasan mun bhuaidh a' bh' aig a chreach.
- Chaillear Coinneach MacIlleathain san tubaist.
- B' e an tachartas bu mhiosa a thachair a-riamh sna h-Eileanan Siar.
- Chaidh rannsachadh a dhèanamh an dèidh na tubaist.
- Fhuair Iain F. MhicLeòid duais airson na shà bhail e.
- "Cha robh mise ag iarraidh a bhith faisg oirre."
- Cha robh Alasdair MacLeòid cofhurtail a bhith faisg orra.
- Tha an eachdraidh lĂ idir fhathast.
- Thug call na h-Iolaire buaidh mhòr air na h-eileanan.
- An-diugh, chan eil ann ach sgeulachd don òigridh.
- Bheireadh sgeulachd call na h-Iolaire buaidh air duine sam bith.
- "ChĂšm iad a' dol" le CatrĂŹona Lexy Chaimbeul.
- Bha earbsa aig na seòladairean anns a' Chaiptean.
- An ropa mar motif.
- "Cha robh dòigh teasairginn ann."
- Bha obair fireannaich ri dhèanamh, ach cho robh iad ann.
- Bha boireannaich air a bhith ag ullachadh airson pòsadh âŚ
- "Biodh e math no olc, bha e nar n-eachdraidh."
- "Bha iomadh dachaigh eile anns an aon suidheachadh."
- Bha muinntir nan coimhearsnachdan fior thaiceil.
- "Bha neart an eilein air a thoirt air falbh ann an aon oidhche."
- "Chan eil tuigse aig a' ghinealach a th' ann an-diugh."
- Tha diofar mhòr eadar mothachadh agus a bhith an là thair.
- Thà inig uallach air Mòr NicLeòid an dèidh na creiche.
- Cha robhas ag innse mòran don chloinn.
- Chaill seanmhair Anna Frater a sloinneadh.
- Chan eil daoine bhon taobh a-muigh fiosraichte mun chreach.
- "Dh'fheumadh iad cumail a' dol."
- Buaidh air boireannaich nan coimhearsnachdan.
- Bha an eaglais a' toirt dòchas do dhaoine an dèidh là imh.
- Bha ginealach Anna eòlach air daoine a bha beò nuair a thachair e.
- Bha e duilich bruidhinn mun chreach.
- Chan eil fhios le cinnt dè a' bhuaidh a bh' aig call na h-Iolaire.
- An robh ceangal eadar a' chreach agus eilthireachd?
- Cha robh eòlas aig daoine air "post-traumatic stress".
- Lean iomadach sgeulachd an dèidh na creiche.
- Bhiodh an cuspair ga thogail uair is uair.
- Bhiodh barrachd conaltraidh air a bhith feumail.
- Chan eil clann-sgoile a' faighinn gu leòr eòlais air an Iolaire.
- "Bha athair againn" le MĂ iri Iain Mhurch' Chaluim.
- "Lean an dubhachas ro fhada" le Mòr NicLeòid.
- Mòr NicLeòid a' bruidhinn air là ithean a h-òige.
- Fear air ainmeachadh mar "survivor na h-Iolaire".
- "Bha mise air mo bhĂ thadh co-dhiĂš..."
- "You'll be shot at dawn."
- "Chaill mi mo bhrà thair innt'" le Dòmhnall Moireasdan.

