âS e call na h-Iolaire aon de na sgeulachdan as cianail ann an eachdraidh a' Chogaidh Mhòir agus sgeulachd air nach d'fhuaireadh fuasgladh fhathast.
A rèir coltais seo mar a thachair. Aig 0100 chaidh an Caiptean agus am fear-faire a bha air an Iolaire gu h-Ïosal, a' fà gail Leifteanant Cotter air an drochaid. Chan eil fhios an robh esan mÏ-chinnteach mu na solais a bhiodh a' stiÚireadh bhà taichean gu cidhe Steòrnabhaigh, no an robh dÏth eòlais aige mu bhith toirt bà ta gu caladh.
Mu 12 mÏle a-mach à Steòrnabhagh dh'atharraich an aimsir. Chaidh a' ghaoth gu gèile agus chuir e iongnadh air criutha a' bhà ta-iasgaich, an Spider, a bh' air cÚlaibh an Iolaire agus air an t-slighe gu cidhe Steòrnabhaigh cuideachd, nuair nach do dh'atharraich an Iolaire a cÚrsa.

A' seòladh gu Steòrnabhagh
Tha an t-slighe a-steach gu cidhe Steòrnabhaigh air a chomharrachadh le dĂ sholas â Solas Ăirinis agus Solas-rabhaidh Ăirinis. Bha cuid de na seòladairean a bh' air bòrd an Iolaire iomagaineach mar a b' fhaisg a bha i a' tighinn air caladh. Bha iad mothachail gun robhar a' seòladh ro fhaisg air an oirthir, âs nach robhar a' leantainn a' chĂšrsa Ă bhaisteach â bha i ro fhada chun ear.
Bha na fir ceart. Cha robh 1919 fhathast dĂ uair a thĂŹde a dh'aois nuair a bhuail an Iolaire air Biastan Thuilm â sgeirean cunnartach a th' air an t-slighe a-steach gu caladh Steòrnabhaigh. Tha solas beag air na sgeirean gus rabhadh a thoirt do mharaichean mun chunnart a tha romhpa. Ach nuair a dh'fhĂ illig air an Iolaire tionndadh, cha robh feum sam bith san t-solas agus cha robh dòigh aice air stad.
Bha an oidhche dubh dorch, bha an t-uisg' ann, bha a' ghaoth là idir agus bha fÏor dhroch mhuir ann. Nuair a bhuail i na Biastan san dorchadas, agus san troimhe-chèile, bha aig gach fear a bh' air bòrd ri feuchainn ri e-fhèin a shà bhaladh. Bha mòran de na bh' air bòrd nan cadal nuair a bhuail i na Biastan.
"Bha dĂšil againn an toiseach gur e âmine' a bhuail i, ach dh'aithnich sinn mar a thuit i air a cliathaich, mar gum biodh i air mol tioram, dh'aithnich sinn gur e bualadh ann an sgeir a rinn i." Neil MacCoinnich, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan GĂ idheal 1961

Fir a' leum far na h-Iolaire
Cha robh beachd aig mòran air bòrd cà ite an robh iad, ged nach robh iad ach 20 troigh bho thÏr. Eadar an Iolaire agus tÏr bha a' mhuir air bhoil.
Leum mu 50 duine dhan uisge gus feuchainn ri snĂ mh gu tĂŹr, ach chaidh am bĂ thadh san uisge reòthte. Chaidh na bĂ taichean-teasairginn a chur air bhog, ach bha am muir cho fiadhaich âs gun deach aon tè a mhilleadh ri cliathaich an Iolaire (ged a fhuair cuid a bh' oirre air ais air bòrd), agus chaidh an tè eile fodha âs cus dhaoine a' feuchainn innte.
"Bha an tè a bh' air taobh an toisich na bu mhotha nan tè a bh' air taobh an deiridh agus bha na daoine a' leum innte... Bha grèim agam air an stay agus rinn mi-fhÏn airson leum innte ach mar a bha mi faicinn na cÚise, bha na daoine a' leum agus cha robh mothachadh aca dè bha dol a thachairt - gu faodadh i dhol thairis na even a dhol fodha.
Uill, gu fĂ bharach, thuirt mi rium fhĂŹn, uill, âs fheĂ rr dhomh fuireach far a bheil mi na dhol dhan t-soitheach sin.... thĂ inig dĂ thonn mhòr... âs an uair a bhuail e âm bĂ ta sin a bh' air toiseach, chuir i car agus chan eil mi a' smaoineachadh gun tĂ inig sgamhan beò as a' bhĂ ta bh' ann an sin, bĂ ta bhon taobh toiseach aice.
A-rithist an tè a bh' air an deireadh chaidh a briseadh, thà inig toll oirre. Agus an fheadhainn a bha san tè sin, fhuair a' chuid mhòr aca air ais a-rithist air bòrd." Iain MacIlleathain, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan Gà idheal 1961
Cha robh e comasach cuideachadh fhaighinn bho thaobh na mara air sgĂ th âs cho fiadhaich âs a bha e, chan fhaigheadh bĂ taichean eile faisg. Cha b'urrainn dhan philot boat, The Budding Rose, a bha feitheamh ris an Iolaire a stiĂšireadh a-steach gun cidhe, cĂ il a dhèanamh ach feitheamh.
Cha tà inig dhith beò ach 82 às an 283 a bh' air bòrd.
"Not a few of them had suffered shipwreck time and time again during the war, but they always escaped. And now with all these perils past, and the peace and comfort and liberty so well earned in prospect, they come home only to be cruelly done to death within 20 yards of shore and the very entrance to SY Harbour." Stornoway Gazette
Leum Iain Fionnlagh Macleòid (Iain Mhurdo), aois 31, à Port Nis bhon Iolaire le loidhne ceangailte ri a là imh chlÏ. Air a' chiad oidhirp chaidh a tharraing air ais leis an onfhadh, ach an dèidh feitheamh ri stuagh mhòr airson a ghiÚlain, fhuair e air tÏr. Fhuair ceathrar no còignear eile air tÏr air an loidhne-sa, mus deach a ceangal ris an ròpa. Thug an ròpa an uairsin cothrom do chòrr is deich thar fhichead duine eile faighinn air tÏr.

Crann na h-Iolaire
Chaidh urram a thoirt do Mhacleòid ann an 1921 nuair a fhuair e an "Carnegie Hero Fund Medal and Certificate "in recognition of heroic endeavour to save human life".
Bha fir a' sreap suas air na crainn cuideachd. Chaidh dithis a chaidh suas air a' chrann-toisich a bhĂ thadh nuair a bhris an crann. DhĂŹrich Dòmhnall Moireasdan (Am Patch), aois 20, Ă s a' Chnoc Ărd ann an Nis suas air am "mizzen", âs thug e fad oidhche an sin an dèidh dhan Iolaire a dhol fodha.
"Fhuair mise grèim air ròpan a' chrainn aice an uairsin âs tharraing mi mi-fhĂŹn an aĂŹrde. Chaidh mi suas ann, pĂŹos math, âs thĂ inig balach eile nuas as mo dhèidh. Bha mise air a thaobh shuas nuair... âs a chiad dhroch mhuir a thĂ inig, dh'fhalbh e leis a' bhalach. Mus d'fhuair mi air dĂšrd a rĂ dh ris, dh'fhalbh e leis. Chan eil cĂ il a dh'fhios agam cò a bh' ann." Dòmhnall Moireasdan, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan GĂ idheal 1961
Chaidh Dòmhnall Moireasdan a shà bhaladh anns a' mhadainn an dèidh 8 uairean a thÏde. B' e an aon duine beò a thà inig air tÏr aig cidhe Steòrnabhaigh.
Chaidh a bhrĂ thair Iain, aois 32, a bhĂ thadh am measg nan 201 a chaidh a chall.
Fhuair 82 dhith beò, ach fad iomadach bliadhna cha b' urrainn dhaibh bruidhinn mu na thachair dhaibh. Bha mòran dhiubh a' faireachdainn ciontach, mar gum biodh, gun d'fhuair iadsan dhachaigh sĂ bhailte. A' bruidhinn ann an 1988 â cha mhòr 70 bliadhna an dèidh lĂ imh â thuirt Dòmhnall Moireasdan, Am Patch, Ă Nis, "Chan urrainn dhomh a dhĂŹochuimhneachadh. Tha mi a' smaoineachadh air a h-uile lĂ dhen t-seachdain."
Bha a' chreach air buaidh a thoirt air a h-uile fear a fhuair aiste beò:
"Cha robh annam-sa ach gille òg aig an Ă m. Bha mi seachd bliadhna deug san Ărd-sgoil an Steòrnabhagh agus tha cuimhne mhath agam air latha na Bliadhn' Ăire... Fear a bha san ath thaigh, an ath dhoras dhomh aig an dachaigh, thĂ inig e a-nall tarsainn na mòintich tha mi a' smaoineachadh. Cionnas a fhuair e air tĂŹr chan aithne dhomh, ach bha e mar duine Ă s a rian âs bha an fheadhainn a chaill an cuid anns a' bhaile, na mĂ thraichean âs na mnathan, bha iad a' tighinn a-staigh a dh'fhaighneachd am faca e sealladh air Dòmhnall no air Aonghas no air Iain. Cha robh e ach gan coimhead agus na deòir a' tighinn a-nuas air na gruaidhean aige. âS bha dĂ fhacal aige, tha cuimhn' agam air an sin, âs bha e gan cantainn tric â Good God â Good God â mar gum biodh e air grèim fhaighinn air na faclan sin air bòrd âs lean iad ris an inntinn aige âs cha robh facal aige ach sin fhèin." Dòmhnall MacPhĂ il, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan GĂ idheal 1961

Baile Steòrnabhaigh

Seòladairean air bòrd na h-Iolaire

Biastan Thuilm

A' tighinn air tÏr leis an ròpa

Teisteanas Carnegie
A' Chreach
Faic agus èist ri cunntasan mun chreach.
- Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh mun chreach.
- Bha eòlas aig Iain Fionnlagh MacLeòid air an fhairge.
- "Bha mise fortanach." (Beurla)
- Iain Fionnlagh Macleòid a' còmhradh mun chreach. (Beurla)
- 'S e sgeirean fĂŹor chunnartach a th' ann an Biastan Thuilm.
- Bha fĂŹor dhroch aimsir ann.
- Canaidh mòran gun deach i ro fhada gu tuath.
- "Chuir mi mo chasan romham, 's chaidh mi a-mach tron uinneig."
- Bha an fhairge gu math socair an oidhche sin.
- "Cha robh mise fada gu robh mi air mo mhealladh."
- "Cha robh panic idir ann."
- Air an ròpa.
- Dòmhnall Moireasdan air a' chrann.
- "A' cur m'aghaidh air a' chrann" le Dòmhnall Moireasdan.
- Dòmhnall MacĂomhair a' còmhradh ri Coinneach MacĂomhair.
- Air an t-slighe dhachaigh.
- "Bha i an dèidh liostadh a-mach."
- "Nach e a tha a' dol faisg leatha."
- "Fhuair mi mo bheatha Ă s an eathar."
- "Bha i os cionn a' chunnairt."
- "Tharraing i ròpa às ar là mhan."
- âBha mi a' faicinn a' chladaich."
- "Don't dare to touch any of them."
- Cha robh an tĂŹr fad Ă s.
- A' faighinn air tÏr air an ròpa.
- "Gheibh thu fà th air a' mhuir mhòr."
- An fhairge na cĂšis uabhais.
- Iain Fionnlagh MacLeòid a' faighinn air tÏr.
- Na bĂ taichean-teasairginn.
- Air a' chrann.
- Air an ròpa.
- "Bha feadhainn aca a' leum a-mach."
- "Cha robh cobhair sam bith air an son."

