Cead ga mholadh Caisteal Inbhir Nis a leasachadh

  • Air fhoillseachadh
Ro-dhealbh de na thathas a' moladhTùs an deilbh, LDN Architects llp

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd cead dealbhachaidh airson Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh na tharraing do luchd-turais.

Bha an togalach air a chleachdadh mar thaigh-cùirte gus an deach a' chùirt a ghluasad gu Ionad Ceartais Inbhir Nis air an Longman an-uiridh.

Thathas a' moladh àite-taisbeanaidh, cafaidhean agus barraid mullaich a dhèanamh anns a' chaisteal.

Mhol oifigich dhealbhachaidh na Comhairle cead a thoirt seachad.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air na molaidhean an ath-sheachdain.

Tha dùil gun toir an obair gus an caisteal a sgeadachadh còig bliadhna.

Chaidh an caisteal a thogail le cloich ghainmhich ann an 1836, air làrach seann chaisteal a' bhaile, agus seann ghearastan a chaidh a spreadhadh leis na Seumasaich ann an 1746. Tha pàirt de mhùr a' ghearastan sin fhathast ri fhaicinn.

Ann an 1848 chaidh earrann ùr a chur ris an togalach, 's chaidh sin a chleachdadh mar phrìosan.

Tha beachd ann gun robh caisteal air an làraich bho cho tràth ris an 11mh Linn.

Trending Now