Seann taigh Savile an Gleann Comhann ga leagail

Allt na RèighTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig maill air an obair tòiseachadh 's barrantas togail a dhìth

  • Air fhoillseachadh

Tha an fheadhainn leis a bheil taigh ann an Gleann Comhann a b' àbhaist a bhith leis an drabastair Jimmy Savile nach maireann, ag ràdh gun do thòisich obair airson a leagail.

B' ann le Savile, fear de na h-eucoirich feise as miosa ann an eachdraidh Bhreatainn, a bha taigh Allt na Rèigh airson mu 13 bliadhna.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead airson an togalach a leagail anns an Ògmhios 2024, agus iarrtas ann taigh ùr a thogail air an làraich.

Thàinig maill air na planaichean sin ge-tà, fhad 's a bhathas a' feitheamh barrantas togail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste air innse gu bheil am barrantas sin ann an àite.

'S ann le teaghlach Harris Aslam, a tha os cionn na companaidh bhùithdean beaga Greens Retail Eta, a tha stèidhichte ann an Cathair Challtainn ann am Fìobha a tha an làrach.

Dh'innis labhraiche às leth Mhgr Aslam gun do thòisich obair.

Bha na planaichean connspaideach nuair a nochd iad, agus gearanan ann nach robh na bha san amharc iomchaidh don làraich.

Chaidh na planaichean an uair sin atharrachadh airson 's nach toireadh iad buaidh cho mòr air coltas na làraich, a tha mu choinneimh cuid de na beanntan as aithnichte san dùthaich.

Bha eucoirich air a bhith a' dèanamh milleadh air na togalaichean a bh' air an làraich o chionn ùine.

Chaidh iarraidh air a' phoball an t-àite a sheachnadh fhad 's a leanas an obair leagail.

Trending Now