Dragh anns na Hearadh mu sheirbheis an sgudail

  • Air fhoillseachadh
Sgudal

Tha e coltach gu bheil gainnead de sgiopaichean anns na Hearadh agus gu bheil an fheadhainn a th' ann làn.

Tha dragh cuideachd nach eil làraidhean no dràibhearan gu leòr ann airson sgudal àbhaisteach is sgudal airson ath-chuairteachadh a thogail cho tric is a b'àbhaist.

Chaidh an t-ionad ath-chuairteachaidh ann an Urgha a dhùnadh grunn thursan bho chionn ghoirid leis gun robh e loma làn.

Thuirt comhairlichean ionadail gun robh iad air an gnothach a thogail le Comhairle nan Eilean Siar.

"Seo an t-àm dhen a' bhliadhna as motha a tha daoine a' cur sgudal a-mach agus cuideachd luchd-turais, tha tòrr sgudal acasan. Mar a bheil àite ann tha e gu math mi-ghoireasach mar a tha a' tachairt", thuirt Iain MacLeòid bho Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh.

"Tha seo air a bhith na thrioblaid bho chionn ghreis, bha còir aig a seo a bhith nas fheàrr na tha e, gu h-àraid nuair a tha luchd-turais a' tighinn as t-samhradh", thuirt e.

Sgreamh

"Tha sinn a' cluinntinn a-nise gu bheil na bionaichean gu bhith againn a h-uile trì seachdainn, tha na fathannan sin a' dol seachad. Tha an t-àite againn na mhess agus na sgreamh mar a bheil an sgudal ga thoirt air falbh.

"Feumaidh a chomhairle sgiopaichean eile fhaighinn. B'àbhaist dha na sgiopaichean tighinn a-nuas agus bhathar gam falachadh, cha robh duilgheadas sam bith mar seo ann.

"Chan eil fhiosam dè as coireach aig a chomhairle a-nise nach eil na sgiopaichean a' tighinn ann.

"Tha mi a' cluinntinn gu bheil na comhairlichean a' bruidhinn mu dheidhinn ach chan eil càil a' tachairt.

Bha planaichean ann ath-chuairteachadh a' leudachadh air feadh na Hearadh ach tha a' chomhairle ag ràdh gun do chuir a' choròna-bhìoras bacadh air a sin.

"Tha an coròna-bhìoras aca airson leisgeul airson rud sam bith a dhèanamh san là diugh", thuirt Mgr MacLeòid.

"Ach tha e furasta gu leòr sgiops a chuir ann. Tha seo a' dol a dhèanamh cron air an àite", thuirt e.

Trending Now