An cleasaiche Brian Cox a' cur taic ris an iomairt an aghaidh sealg a' ghuga

- Air fhoillseachadh
Tha an cleasaiche Albannach Brian Cox air a ghuth a chur ri film ùr a rinn luchd-strì a tha a' feuchainn ri cur às do shealg a' ghuga le muinntir Nis ann an Leòdhas.
'S e an ceum as ùire an iomairt na buidhne Protect the Wild an aghaidh an t-seann chleachdaidh.
Tha buidheann de dh'fhir à Nis air a bhith a' dol a-mach gu Sùlasgeir a h-uile samhradh airson na ceudan bhliadhnaichean a mharbhadh iseanan shùlairean.
'S e an aon sealg de dh'eòin-mhara a tha fhathast a' dol san Rìoghachd Aonaichte.
Tha na sealgairean ag ràdh gu bheil an traidisean mar phàirt den dualchas aca.
Tha NàdarAlba a' toirt seachad cead airson na seilge fo Achd na Fiadh-bheathach agus na Dùthcha "air chumha gum bi na h-eòin uile air am marbhadh gu h-iochail".

Dealbh às an fhilm a rinn Protect the Wild
Tha luchd-strì ag ràdh gur e borbachd gun adhbhar a tha anns an t-sealg agus ach eil feum air tuilleadh mar a bha uair airson biadh a chumail ri sluagh bochd.
Tha iad a' cur ìmpidh air NàdarAlba sguir de cheadachadh na seilge; an-uiridh thug a' bhuidheann riaghaltais cead 500 isean a spadadh.
'S e sin a' chiad turas a bha na Nisich air a dhol a Shùlaisgeir bho 2021.
Cha do dh'iarr iad cead a dhol ann ann an 2022, 2023 is 2024 air sgàth flu nan eun.
'S ann às dèidh dhaibh tilleadh gu Sùlaisgeir an-uiridh a thòisich iomairt às ùr feuch casg a chur air an t-seilg.
Tha luchd-strì air fianais a thogail taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba agus chaidh casaidean air dithis a shreap gu mullach prìomh-oifis NàdarAlba ann an Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh.
Chaidh ron sin graffiti mun chùis a pheantadh taobh a-muigh togalach NàdarAlba.
Graffiti an aghaidh sealg a' ghuga air a chur air oifisean NàdarAlba
- Air fhoillseachadh16 An Gearran
Togail-fianais an aghaidh Sealg a' Ghuga
- Air fhoillseachadh12 Am Faoilleach
Feumar sguir de Shealg "bhorb" a' Ghuga a rèir luchd-strì
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach
Dh'aontaich Buill-phàrlamaid Albannach ath-chuinge, taobh a-muigh an aghaidh na seilge le còrr is 100,000 ainm a chumail fosgailte, taobh a-muigh gus am beachdaich an ath-phàrlamaid air.
Aig deireadh an fhilm ùir, tha guth Brian Cox ag ràdh gur e "an-iochd gun adbhar" a tha san t-sealg is gum bu chòir do NàdarAlba cead a tharraing.
Thuirt Devon Dochterty, Manaidsear Iomairtean Albannach aig Protect the Wild, gu bheil iad gu math taingeil airson taic Mhgr Cox.
Thuirt i gu bheil "roghainn aig NàdarAlba".
"Mar bhuidheann nàdair an riaghaltais tha e mar dhleasdanas orra fiadh-bheatha a dhìon, chan e sgrios a cheadachadh."
Ann am brath, thuirt NàdarAlba gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil daoine a' faireachdainn gu math làidir mun t-sealg, agus gun d' fhuair iad an t-uabhas de phuist-d bho dhaoine a tha na h-aghaidh.
Thuirt a' bhuidheann riaghaltais gun dèanadh iad "measadh mar as còir taobh a-staigh an lagh agus stèidhichte air an dàta saidheansail as ùire" ma gheibh iad iarrtas an sealg a cheadachadh ann an 2026.